An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Puerto Carreño"

Content deleted Content added
No edit summary
b fixing dead links
Loidhne 19:
}}
 
‘S e prìomh-bhaile na roinne [[Vichada (Roinn)| Vichada]], ann an [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th' ann Puerto Carreño. Tha e suidhichte aig àirde dhe 51m os cionn ìre na [[Muir|mara]] agus tha teodhachd meadhan dhe 28° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1954]] anns an sgìre ris an canar Còmhnardan an Ear ([[Spàinntis]]: Llanos Orientales). Tha [[eaconomaidh]] a’ bhaile gu math crochte air an [[àiteachas]] agus gnìomhachas [[crodh|a’ chruidh]]. Tha cunntas-sluaigh dhe 13,288 aig a' bhaile fhèin ann an [[2005]], a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.<ref>[http://web.archive.org/web/20080911201632/http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref>
 
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 13,288 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,256 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
 
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/[[mestizos]] a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Puerto Carreño, ach tha 23.8% dhe Tùsanaich agus 5.5% dhe daoine le freumhan ann an [[Afraga]] cuideachd. ' S urrainn dhan 83.7% dhe na daoine ann an Puerto Carreño leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4 % dhe na dachannan.<ref>[http://web.archive.org/web/20061129232428/http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/vichada/puerto_carreno.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref>
 
== Fèisean ==