An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ladhar Bheinn"

Content deleted Content added
b Loch Shubhairne
barrachd fiosrachaidh
Loidhne 15:
| Domhan-fhad = -5.592556
}}
’S e beinn ann an [[Cnòideart]] air a’ [[Gàidhealtachd na h-Alba|Ghàidhealtachd]] a th’ ann an Ladhar Bheinn. Tha e 1,020m de dh’àirde agus ’s e beinn Rothach iomallach a th’ ann. 'S e a' bheinn as àirde ann an Cnòideart, agus a' bheinn Rothach as fhaide siar air an tìr-mhòr. Tha e suidhichte eadar [[Loch Shubhairne]], [[Loch Nibheis]] agus [[Linne Shlèiteach|Linne Shlèite]]. Chìthear e gu soilleir ann an cruth còin bho [[Slèite|Shlèite]] anns an [[Eilean Sgitheanach]]. Tha e cumanta an druim an iar-thuath sin a ruigsinn aig an Dìollaid ma dhìrichear e bho [[Inbhir Aoidhe]] agus an iar-dheas<ref>Walk Highlands [http://walkhighlands.co.uk/fortwilliam/ladhar-bheinn.shtml]</ref>. Tha e cuideachd cumanta a shreap bho Gleann an Dubh-Lochain agus Inbhir Aoidhe. Tha druim an iar-thuath a’ crìochnachadh aig mullach de 848m. Bho sin tha cothrom ann cromadh gu Màm Barasdail, air neo air Stob a’ Chearcaill agus druim an ear-thuath. Tha an rathad seo nas duilghe na rathaidean eile leis cho cas is creagach is a tha an druim seo. Chan eil ceumannan soilleir ann ach air an druim fhèin agus anns na glinn.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Linne Shlèite agus an Eilean Sgitheanach, Loch Shubhairne, Barasdal, beanntan Chnòideirt, [[Cinn Tàile|Chinn Tàile]] agus fiù ’s [[Beinn Nibheis]].