An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ladhar Bheinn"

Content deleted Content added
b comharradh ùr
+ dealbh, is math a rinn thu leis an teamplaid:-)
Loidhne 1:
{{Teamplaid:Beinn
| AINM = Ladhar Bheinn
| DEALBH = Ladhar Bheinn.jpg
| GLACADH = Ladhar Bheinn, sealladh bho [[Loch Hourn]]
| Àirde_m = 1,020
| Àirde_tr = 3,350
Loidhne 12:
| Mapa = OS 33
| COMHARRADH = NG823039
| Domhan-leud = 57.074969
| Domhan-fhad = -5.592556
}}
’S e beinn ann an [[Cnòideart]] air a’ [[Gàidhealtachd na h-Alba|Ghàidhealtachd]] a th’ ann an Ladhar Bheinn. Tha e 1,020m de dh’àirde agus ’s e beinn Rothach iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar [[Loch Shubhairne]], [[Loch Nibheis]] agus [[Linne Shlèiteach|Linne Shlèite]]. Chìthear e gu soilleir ann an cruth còin bho [[Slèite|Shlèite]] anns an [[Eilean Sgitheanach]]. Tha e cumanta an druim an iar-thuath sin a ruigsinn aig an Dìollaid ma dhìrichear e bho [[Inbhir Aoidhe]] agus an iar-dheas<ref>Walk Highlands [http://walkhighlands.co.uk/fortwilliam/ladhar-bheinn.shtml]</ref>. Tha e cuideachd cumanta a shreap bho Gleann an Dubh-Lochain agus Inbhir Aoidhe. Tha druim an iar-thuath a’ crìochnachadh aig mullach de 848m. Bho sin tha cothrom ann cromadh gu Màm Barasdail, air neo air Stob a’ Chearcaill agus druim an ear-thuath. Chan eil ceumannan soilleir ann ach air an druim fhèin agus anns na glinn.