An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sgùrr na Cìche"

Content deleted Content added
b + ceangal eile
Loidhne 17:
}}
’S e beinn ann an [[Cnòideart]] air a’ [[Gàidhealtachd na h-Alba|Ghàidhealtachd]] a th’ ann an Sgùrr na Cìche. Tha e 1040m de dh’àirde agus ’s e beinn Rothach iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar ceann Loch Nibheis agus ceann Loch Chuaich. Tha coltas cìche air cruth na beinne agus chithear e bho [[Àird a’ Bhàsair]] anns an [[Eilean Sgitheanach]]. Tha druim an ear na beinne a’ leantainn gu Garbh Chìoch Mhòr (1013m), Garbh Chìoch Bheag (968m) agus Sgùrr nan Coireachan (953m).
Tha ceum a’ dìreadh na beinne eadar Sgùrr na Cìche agus Garbh Chìoch Mhòr bho Ghleann Deasaraidh, agus ’s e sin an dòigh as cumanta faighinn dhan mhullach, a’ tòiseachadh an latha aig ceann [[Loch Airceig]]. Tha e cumanta cuideachd a bhith a’ cur seachad na h-oidhche aig Sourlies agus streap Druim a’ Ghoirtein bhon iar-dheas, ged nach eil ceum ann. ’S e coiseachd beinne a th’ anns a’ chuairt, agus chan fheumar uidheam streap airson am mullach a ruigsinn, ge-tà, tha an talamh bog-fliuch aig amannan, agus tha pàirtean den bheinn creagach is cas<ref>Walk Highlands [http://walkhighlands.co.uk/fortwilliam/sgurrnaciche.shtml]</ref>.
 
== Iomraidhean ==