An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mòinteach Raineach"

Content deleted Content added
a' cur ris
+ Loch Bà
Loidhne 5:
Tha a' Mhòinteach Raineach ainmeil airson bheathaichean agus lusan sònraichte, gu h-àraidh Roid Raineach ([[Laideann]]: ''Scheuchzeria palustris'') a fhuair ainm bhon àite. Tha a' mòinteach a' cur dragh mòr air [[innleadair]]ean a thogas rathaidean agus [[Rathad-iarainn|rathaidean-iarainn]]. Nuair a chaidh [[Rathad Iarainn nan Eilean|rathad-iarainn iar na h-Alba]] a thogail thairis air a' mhòintich, bha aca ris a thogail air làr de dh'fhiodh, freumhan agus mìltean de thunnaichean de thalamh agus luaithre.
 
Tha am mòr-rathad A82 a' dol tron Mhòintich Raineach eadar [[a' Chrìon Làraich]] agus [[an Gearasdan]]. Chithear [[Lochan na Stainge]] bhongu rathadtaobh an iar an rathaid, agus tha [[Loch Buidhe]] san àird an iar dheth. Chun an ear tha [[Loch Bà]] ri fhaicinn.
 
Far a bheil a' mòinteach an-diugh bha an èigheanach-shiubhail mu dheireadh ann am Breatainn aig deireadh na linn-deighe mu dheireadh. Air sgàth sin tha an talamh fhathast ag èirigh 2-3mm gach bliadhna.