An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lochan na Stainge"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 11:
| lon_deg = -4.769034
}}
'S e [[loch]] ann an [[Alba]] a tha ann an '''Lochan na Stainge''' neo '''Lochan na-Sting'''.<ref name="Murray"/> Tha e suidhichte faisg air an A82 ann am [[Mòinteach Raineach]] air, a' [[Gàidhealtachd|Ghàidhealtachd]]. Tha [[Loch Buidhe]] san àird an iar-dheas dheth agus [[Loch Bà]] san ear.
 
Tha an loch mu 0,5 mìle (804 m) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 700 slat (643 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu 250 slat (228 m) a leud. Tha Lochan na Stainge beagan nas motha na 51 acair agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige cho mòr ri gu bhith 2/3 mìle ceàrnagach (1.7 km²). Ach tha e a' gabhail a steach an t-uisge bho Loch Buidhe cuideachd, mar sin tha an àrainn drèanaidh uile gu lèir cho mòr ri 12 mìle ceàrnagach. Tha dà phàirt ann an Lochan na Stainge le àite caol anns a' mheadhan eatarra far a bheil an t-uigse gu math eu-domhain, mu throigh a-mhàin. 'S e 5 troigh (1.5 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 8 troigh (2.4 m) aig an àite as doimhne sa tuath agus le 14 troigh (4.2 m) sa deas.<ref name="Murray"> Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) ''Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909''. [http://maps.nls.uk/bathymetric/text.cfm?seq=903 "Lochs of the Tay Basin"], td 60, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. </ref>