An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sneachd"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 2:
Is e cruth [[uisge]] reòite a tha ann an '''sneachd'''. Bithidh sneachd uaireannan a' frasadh bho na neòil nuair a bhitheas an teothachd beagan fo ìre reòthaidh.
Is meanbh eagar de sneachd criostalan sgapta, ioma fillte, mar as tric an patran croise neo rionnaig. Chanar “bleideagan-sneachda” ri na criostalan seo. Tha [[Bleideag-sneachda|bleideagan-sneachda]], eu-coltach ri [[clachan-meallain]], aotrom an coimeas leis an trast-thomhais agus tuitidh iad gu malla chun talmhainn.
Is àbhaist do theothachd an àille a bhi nas ìsle aig àirdean as motha agus airson an aobhar seo, bithidh sneachd uaireannan a' tuiteam gu talamh tro adhair a tha os cionn ìre reòthaidh. Anns an suidheachadh seo faodaidh don sneachd a ruigsinn na talmhainn aig inbhe eadar reòthadh agus leaghadh. Chanar [[flinnflin]] ris a' mheasgachadh de sneachd agus uisge a tha ann a seo.
Ma bhitheas an sneachd a' tuiteam air fearann a tha os cionn ìre reòthaidh thèid a leaghadh- ach ma thuiteas e air talamh nas fhuara, bithidh e na laighe na staid reòite agus faodaidh dha a chruinneachadh na plaide a chuibhrigeas sgìre farsuinn.