An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh 1812"

Content deleted Content added
Chuir mi hotlinks ann an TEACSA_DEILBH
a' chiad paragraph
Loidhne 80:
|SÀMHAIL_EILE=
}}
 
Mhair ''Cogadh 1812'' dà agus leth bhliadhna, ghabh e àite ann an [[Aimearaga a Tuath]], agus bha [[Na Stàitean Aonaichte]] agus [[An Impire Bhreatannach]] an sàs ann. Riaraich an cogadh tòrr trioblaidean a thàinig, ach nach deach a cheartachadh, còmhla ris [[Rèabhlaid Ameireaganach|an Aramach Ameireaganach]] bliadhnaichean roimhe. Ged a thachair seo, cha do dh'atharraich crìochan sam bith idir, mu dheireadh. Ghairm Ameireaga cogadh an aghaidh nam Breatannach ann an 1812 airson mòran adhbharan; mar eisimpleirean bacadh eagonomaigeach a chuireadh ann le Breatann oir a bha i a' cogadh ris [[An Fhraing|na Frangaich]] cuideachd, aig an àm. A bharrachd, chuireadh Breatann maraichean Ameireaganach an grèim agus an uair sin thugadh iad orra obrachadh airson [[An Cabhlach Rìoghail|a' Chabhlaich Rìoghail]], agus bhrosnaicheadh iad na tùsanaich an aghaidh nan Ameireaganach agus an dòchais aca gum biodh iad a' meudachadh. Bha na h-Ameireaganaich ag iarraidh ri smachd a ghabhail anns na tìrean-imrich aig Breatann ann an Aimearaga a Tuath cuideachd.