An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Portmeirion"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 32:
Cha robh ach togalach mòr ann agus taigh a' ghàirnealair, taigh a' ghobhainn is stàballan. Aig an toiseach leasaich e na taighean dùthchail mar taighean-còmhnaidh agus chuir e ainmean ùra orra: "''White Horses''", "''Mermaid''" is "''The Salutation''". Chaidh prìomh togalach na h-àite ag atharrachadh gu taigh-òsta; dh'fhosgail e ann an 1926. Eadar 1926 is 1939 chaidh barrachd togalaichean ùra a thogail leithid ''Angel & Neptune'', an tùr ''Campanile'' air a' chnoc as àirde; ''Prior's Lodging'', ''Hercules Hall'', ''Pilot House'' is eile. Chleachd e seann phìosan bho thogalaichean a chaidh a leagail ann an àitichean eile. Mar eisimpleir thàinig an ''Hercules Hall'' à [[Sir y Fflint]] agus am ''Pantheon'' à [[Sir Gaerfyrddin]]. Ghabh e rudan bho [[ailtire]]an eile a-steach cuideachd. Air an tràigh air beulaibh an taigh-òsta chaidh bàta "''Amis Réunis''" a thogail, bàta a bha air a sgrios ann an stoirm ann am Portmeirion. Ged a tha an "''Amis Réunis''" a dhèanamh à [[clach]]an tha coltas mar fhìor bhàta aige ma choimheadar air bho astair rud beag air falbh. Chuir an [[Dàrna Cogadh]] is laghannan ùra a thaobh sàbhailteachd togalaichean stad air leasachaidhean eile airson greis, ach eadar 1954 is 1973 thog Williams-Ellis togalaichean eile a-rithist, mar eisimpleir: ''Telford's Tower'', ''Bristol Colonnade'', ''High Cloister'', an dòm ''Pantheon'' neo ''Gloriette Balkon''.
 
[[FileFaidhle:Portmeirioncastle.jpg|thumb|250px|Castell Deudraeth]]
Tha tobhtaichean seann chaisteal às na [[Meadhan aoisean]] ann an coille dìreach taobh a-muigh a' bhaile. Thug Giraldus Cambrensis (''Gerald of Wales'') iomradh air ann an 1188. Tro na linntean bha iomadh ainm air a' chaisteal, mar Castell Deudraeth, Castell Gwain Goch is Castell Aber Iâ.
 
Ann an 1931 cheannaich Williams-Ellis Castell Deudraeth bho Sir Osmund Williams le sùil ri ceangal a chur do na taighean-òsta ann am Portmeirion. Ach chuir an [[Dàrna Cogadh]] stad air na planaichean aige. Ged a bha daonnan miann aig Williams-Ellis sin a choileanadh cha do thachair sin nuair a bha e beò. Ach le taic bho Mhaoin-Dualchais a' Chrannchuir, [[Maoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach]] agus Bòrd Turasachd na Cuimrigh chaidh an caisteal fhosgladh mar taigh-òsta san [[11 an Lùnasdal]] [[2001]]. An-diugh tha taigh-bidhe is 11 seòmraichean cadail ann.
 
An-diugh tha Portmeirion aig urras carthannach a bhios a' cleachdadh a' chuid as motha den na togalaichean mar sheòmraichean taigh-òsta no taighean fèin-fhrithealaidh. Tha bùthan ann, [[cafaidh]], taigh-bìdh is seòmar-teatha cuideachd. 'S e Portmeirion aon de na h-àitichean as tarraingiche don luchd-turais ann an ceann a thuath na Cuimrigh.<ref>[http://icnorthwales.icnetwork.co.uk/holidays/topten]</ref> Tha e saor an asgaidh airson luchd-turais a bhios a' fuireach ann fhad na saor-làithean aca, ach feumaidh luchd-turais a bhios dìreach ann airson latha pàigheadh airson faighinn a-steach don bhaile is coimhead air na togalaichean.
 
== Beachdan mun Ailtireachd ==