An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Status quo ante bellum"

Content deleted Content added
Chruthaich mi an duilleag seo
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 16:17, 25 dhen Ògmhios 2014

'S i abairt Laidinneach a tha ann an "status quo ante bellum" a tha a' ciallachadh "mar a bha rudan ron a' chogadh".[1]

Tòiseach tòiseachaidh, Chleachdadh an abairt aig deireadh chogaidhean neo bhlàr, nuair a dh'fhalbh an namhaid, agus nuair a chuireadh an riaghaltas (a phutadh a-mach à cumhachd) na àite a-rithist. Nuair a chleachdar i mar seo, bidh i a' ciallachadh nach do dh'atharraich crìochan, còir eagonomigeach, neo còir poileataigeach air sgàth na strì. Air a chaochladh, ciallaidh an abairt Laidinneach "uti possidetis" gum bi gach taobh an sàs anns an strì a' cumail cumhachd neo smachd air gach nì mar a bhiodh iad aig deireach a' chogaidh.

Bhon abairt seo, tha "status quo" agus "status quo ante"" air an tighinn. Anns Na Stàitean Aonaichte, bithear a' bruidhinn air an àm ro Cogadh Catharra Ameireaganach nuair a chleachdar "antebellum". An Eòrpa agus àiteachan eile, ciallaidh seo an t-àm ron a' Chogadh Mhòr.

  1. status quo ante bellum”. Merriam-Webster Online. Air a thogail 28mh dhen Fhaoilleach 2013.