An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Portmeirion"

Content deleted Content added
Loidhne 32:
 
[[Faidhle:Stoneship 2.jpg|left|thumb|"Amis Réunis" - Bàta cloiche]]
Cha robh ach togalach mòr ann agus taigh a' ghàirnealair, taigh a' ghobhainn is stàballan. Aig an toiseach leasaich e na taighean dùthchail mar taighean-còmhnaidh agus chuir e ainmean ùra orra: "''White Horses''", "''Mermaid''" is "''The Salutation''". Chaidh prìomh togalach na h-àite ag atharrachadh gu taigh-òsta; dh'fhosgail e ann an 1926. Eadar 1926 is 1939 chaidh togalaichean ùra a thogail leithid ''Angel & Neptune'', an tùr ''Campanile'' air a' chnoc as àirde; ''Prior's Lodging'', ''Hercules Hall'', ''Pilot House'' is eile. Chleachd e seann phìosan bho thogalaichean a chaidh a leagail ann an àitichean eile. Mar eisimpleir thàinig an ''Hercules Hall'' à [[Sir y Fflint]] agus am ''Pantheon'' à [[Sir Gaerfyrddin]]. Ghabh e rudan bho [[ailtire]]an a-steach cuideachd. Air an tràigh air beulaibh an taigh-òsta chaidh bàta "Amis Réunis" a thogail, bàta a bha air a sgrios ann an stoirm ann am Portmeirion. Ged a chaidhtha an "Amis Réunis" a dhèanamh à [[clach]]an tha coltas mar fhìor bhàta aige ma choimheadas air bhonbho astair rud beag air mhuirfalbh.
 
 
Tha tobhtaichean seann [[caisteal]] às na [[Meadhan aoisean]] ann an coille dìreach taobh a-muigh a' bhaile. Thug Giraldus Cambrensis (''Gerald of Wales'') iomradh air ann an 1188. Bha iomadh ainm air leithid Castell Deudraeth, Castell Gwain Goch is Castell Aber Iâ.