An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Deasbaireachd na roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig"

Content deleted Content added
Loidhne 106:
 
:Thòisich an siostam ciadainm+surname a’ tighinn a-steach dhan Ghaidhealtachd gu math deireannach, leis an ''military service'' ann an airm na Breatainne bho Chogadh Napoleon air adhart, agus seach gum biodh an aon “surname” aig a’ mhórchuid sa sgìre, chan e iongnadh sam bith nach deach gabhail ris móran am measg an t-sluaigh. --[[Cleachdaiche:Caoimhin|Caoimhin]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Caoimhin|talk]]) 00:10, 29 dhen Chèitean 2014 (UTC)
 
:: A Chairdean, thug mi sùil air na tha an sàr-sgoilear Ruaraidh MacThomhais a' dèanamh anns an "Companion to Gaelic Scotland", agus, gu h-inntinneach, se ''measgachadh'' an dà stoidhle seo a th' aige, se sin, uaireannan le ciad ainm no far-ainm, uaireannan le sloinneadh. Mar eiseimpleir:
Mairearad Nighean Lachlainn
Màiri Mhór nan Oran, see MacPherson, Mary
Màiri Nighean Alasdair Ruaidh
:: Agus tha Somhairle chòir fo "M".
::Nise, sin leabhar Beurla, ged as e cuspair an leabhair saoghal na Gàidhlig, ach saoilidh mi gum bheil am prionnsabal bunaiteach gum bi thu ag òrdachadh leis a' phìos fiosrachaidh as cudromaiche, agus tha sin freagarrach dhuinn. Tha Caoimhin cho ceart ri ceart gum bitheadh e nas nàdarraiche dhuinn a chur Màiri mhòr fo "M", ach tha mise am beachd gum bitheadh e caran neònach a chleachadh a' chiad ainm don a h-uile duine. An gabhadh siostam measgaichte a dhèanamh? [[Cleachdaiche:Eoghan|Eoghan]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Eoghan|talk]]) 04:14, 29 dhen Chèitean 2014 (UTC)
Till gun duilleag "Bàird Ghàidhlig".