An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pont Grog y Borth"

Content deleted Content added
Loidhne 9:
Air sgath 's na bruachan arda agus sruthadh luath an uisge anns a' chaolas bhiodh e gu math doirbh cidhe a thogail no stacan a chur gu sàbhailte anns a' ghainmhich ghluasadaich air bonn na mara. Fiu 's ma dh'fhaodadh sin a dhèanamh bhiodh iad nan cnapan-starra do na [[bàta]]ichean. B' fheadar an drochaid a bhith àrd gu leòr airson na bàtaichean-siùil. Mar sin mhol Telford drochaid crochaidh a thogail agus dh'aontaich am Pàrlamaid ris na beachdan aige.<ref name="Bartlett"/>
 
Thòisich togail na drochaide a rèir nam planaichean Telford ann an 1819 le dà thùr air gach taobh den chaolas. Chaidh a thogail le [[clach-aoil]] à [[Penmon]] agus bha iad fosgailte nam broinn le ballachan-croise annta. An uair sin chuireadh sia slabhraidhean deug rithe, gach tè diubh air a dèanamh le 935 crann-druididh iarann a bha làidir gu leòr gus cuideam ruigheachd de 176 meatair (577 troigh) a chumail.<ref>{{cite book |title=A Memoir of Suspension Bridges: Comprising The History Of Their Origin And Progress |url=http://books.google.com/books?id=Hw8LAAAAIAAJ&pg=PA46 |last=Drewry |first=Charles Stewart |year=1832 |publisher=Longman, Rees, Orme, Brown, Green & Longman |location=London |pages=46–66, agus [http://books.google.com/books?id=Hw8LAAAAIAAJ&pg=PT11 Leabhar] |accessdate=2014-05-28}}</ref> Gus meirgeachadh a sheachnadh eadar cruthachadh is cleachdadh chaidh an [[iarann]] a chur ann an ola-fhrois-lìn agus a phainnteadh an uair sin.<ref name="Anglesey history">{{cite web|url=http://www.anglesey-history.co.uk/places/bridges/|title=Menai Strait Bridges|last=Kovach|first=Warren|year=2010|work=Anglesey history|accessdate=27. July7. 2010}}</ref> Bha gach slabhraidh mu 522.3 meatair (1,714 troigh) a dh'fhad is cho trom ri 121 tunna. Bha neart-chrochaidh aca air a mheasach air 2,016 tunna.<ref name="Bartlett"/> Chaidh an drochaid fhosglachd 30 am Faoilleach 1826.<ref name="Bartlett"/>
 
== Eachdraidh an dèidh sin ==