Content deleted Content added
Loidhne 98:
 
:Nis, mach thu, nach cur dragh orm.--[[Cleachdaiche:MacRusgail|MacRusgail]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:MacRusgail|talk]]) 18:37, 27 dhen Chèitean 2014 (UTC)
 
Gheobhadh tu Somhairle MacGill-Eain fo “Maclean” sa leabharlann, no fo “MacGill-Eain” no MacGillEain” no “Mac Gill-Eain". Agus is dòcha gum biodh tu ga lorg fad ùine mhóir fo “Macilleathain” no “MacIlleEathain” mus tigeadh e a-steach ort feuchainn fo “MacG”. Chan eil fhios agam idir cà’m faigheadh tu Màiri nighean Alasdair Ruaidh no Màiri Mhór nan Òran. Tha measgachadh de chànanan sa leabharlann, Beurla as motha agus glé bheag de Ghàidhlig. Chan eil an dàrna roghainn aig an leabharlann ach cumail ri nòsan na Beurla. Ach 's e goireas uile gu léir Gàidhlig a tha Uicipeid Ghàidhlig agus tha cothrom againn nòsan a chleachdadh a tha freagarrach dhan Ghàidhlig. --[[Cleachdaiche:Caoimhin|Caoimhin]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Caoimhin|talk]]) 19:39, 27 dhen Chèitean 2014 (UTC)