An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Basgais"

Content deleted Content added
b Robot: no:Baskisk is a good article; cosmetic changes
b li
Loidhne 60:
 
=== Beachd-bharailean air ceanglaichean ri cànain eile ===
A chionn 's nach b' urrainn do sgoilearan an cànan a cheangal ris na cànain Innd-Eòrpach eile, thug iad sùil na b' fharsainge mun cuairt. Am measg iomadh faoin-bheachd, tha feadhainn ann a tha nas saidheansail ach a dh'aindeoin sin, cha deach teòraig shaidheansail sam bith a stèidheachadh a fhuair aonta farsain gu ruige seo agus tha a' mhòrchuid dhiubh ro-chonnspaideach fhathast agus thathatthathar a' coimhead air a' chànan mar fhear aonaranach fhathast.
 
Tha grunn rudan ann a tha car coltach san [[Ìbeiris]], cànan àrsaidh eile air leth-eilean Hiospàineach, agus Aquitanais. Ge-tà, chan urrainnear fhathast a ràdh le cinnt an e ceanglaichean ginteil a bha ann. Chan eilear cinnteach fhathast dè an teaghlach a bhuineas Ìbeiris fhèin dha.
Loidhne 98:
=== Dual-chainntean ===
[[Faidhle:Bonaparte euskalki mapa.jpg|thumb|250px|right|Mapa nan dual-chainntean Basgach a rinn [[Louis-Lucien Bonaparte]] ann an 1869.]]
Tha sgaradh mòr eadar dual-chainntean an latha an-diugh agus tha e doirbh do dhaoine aig a bheil diofar dual-chainntean tuigsinn a chèile uaireannan mur eil Batua aca. Tha sinn gu h-àraid fìor mu [[Zuberera|dhual-chainnt Zuberoa]] a tha gu math eadar/-dhealaichte o chàch.
 
Tha eadar 6<ref name=Euskalkiz>Pagola, Rosa Miren. 1984. ''Euskalkiz Euskalki''. Vitoria-Gasteiz: Eusko Jaurlaritzaren Argitalpenak. </ref> is 9<ref name="Trask"/> dual-chainntean air an sgaradh mar is trice: