An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Ruadh Phàislig"

Content deleted Content added
Cruthachadh duilleag
 
b A' cur ainm Dhomhnaill ann an clo trom
Loidhne 1:
Bhuineadh '''Dòmhnall Ruadh Phàislig''', no Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, no Bàrd Phàislig, (1889 - 1964), do Shnaoiseabhal ann an [[Uibhist a-Deas]].
 
Thàinig air Dòmhnall an sgoil fhàgail air ceithir bliadhna deug ach tha e coltach gur e duine tùrail a bh' ann a rinn deagh fheum do na bh' aige de sgoil agus cuideachd don [[beul-aithris|bheul-aithris]] a bha pailt anns a' choimhearsnachd agus gu sònraichte air bilean a mhàthar. Tha e a' nochdadh ann an cunntasan sgrìobhte Cùirt nan Con ann an [[Loch nam Madadh]] nuair nach eil e ach mu fhichead bliadhna a dh'aois agus e a' riochdachadh [[croitearachd|chroitearan]] Uibhist a-Deas an aghaidh na Bean-uasal Gordon Cathcart 's i a' feuchainn toirt orra teisteanas a bhith aca mus fhaodadh iad coin a chumail. 'S ann le Dòmhnall agus na croitearan a chaidh an latha agus rinn e dàn mar chuimhneachan air a' chùis.