An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Glaschu"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
}}
'S e am baile as motha ann an [[Alba]] a th' ann an '''Glaschu''' [ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: ''Glasgow'', a' Bheurla Ghallta: ''Glesgie'' no ''Glesca'') ged as e [[Dùn Èideann]] [[prìomh-bhaile]] na dùthcha.
'S e fear de na 32 [[Ùghdarras ionadail|ùghdarrasan ionadail]] ann an Alba a tha ann . Tha freumhan an ainm stèidhichte air ''glas'' + ''cu'', a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' [[Briothannais|Bhriothannais]].<ref>[http://www.scottish.parliament.uk/Gaelic/placenamesF-J.pdf Iain Mac an Tàilleir (2003)]</ref><ref>[http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=51 Ainmean ¬aite na h-Alba]</ref> Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air [[Abhainn Chluaidh]] ann an [[Srath Chluaidh]]. Chaidh a stèidheachadh anns an [[6mh linn]] leis an [[Naomh MungoMungan]] (ris an canar Ceanntighearna neo Kentigern cuideachd) air an àite far a bheil a' [[Cathair-eaglais Ghlaschu|chathair-eaglais]] (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an diugh.
 
Tha an dàrna [[Oilthigh Ghlaschu|oilthigh]] as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha ''An Dàrna Cathair san Ìompaireachd'' (''"The Second City of the Empire"'') air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich [[leas-gnìomhachas]], m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus lorg rannsachadh ann an 2005 gun robh [[Làn-thoradh Dùthchail|làn-thoradh dùthchail]] gach pearsa nas motha anns an [[An Rìoghachd Aonaichte|Rìoghachd Aonaichte]] dìreach ann an [[Lunnainn]] agus Dùn Èideann.<ref>[http://www.scotsman.com/news/edinburgh-uk-s-second-most-prosperous-city-1-738231 ''Edinburgh UK's second most prosperous city.''] ''[[An t-Albannach]]'', 3 an Cèitean 2005.</ref>