An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Eilean Sgitheanach"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
Tha '''an t-Eilean Sgitheanach''' (far-ainm: '''Eilean a' Cheò''') na laighe an iar air tir-mòr siorrachdan Inbhir Nis agus Rois agus dealaichte bhuapa le caolas cumhang ris an canar [[An Linne Shlèiteach]].
 
’S e seo an t-eilean as motha air taobh siar na h-Albann, ach a-mhàin [[Leòdhas]] agus [[na Hearadh]] ann an Innse Gall. GairearCanar cuideachd “Eilean a' Cheò” mar far-ainm air. Chan eil an t-Eilean Sgitheanach idir ’na phàirt de “Innse Gall”, oir chan eil an t-ainm sin a’ toirt a-steach ach na h-eileanan a-muigh.
 
’S e eilean mòr a th' ann - 1,656.25 cilemeatair ceàrnach. Anns a’ bhliadhna 2001 bha 9,232 duine a' fuireach ann.
Loidhne 9:
== Cruth is clàr an eilein ==
 
Tha an t-Eilean dìreach a tuath air a' cheum latitude 57, agus tha an 6mh ceum longitude a' ruith ach beag, tro a mheadhan nì a tha a' leigeil ris dhuinn gu bheil àird a' mheadhan latha 24 mionaidean an dèidh meadhan-latha [[Greenwich|Ghreenwich]]. Tha e mu 50 mìle a dh' fhaid, ach chan eil bad dheth nas fhaide na ceithir mìle bhon [[muir|mhuir]]. Tha e aig a [[leathad]] 24 mìle de [[talamh|thalamh]] tioram a leud.
 
Ann an cumadh, tha an t-Eilean Sgitheanach mar [[giomach|ghiomach]] mòr le a spògan gòbhlachgobhlach sìnte mach tro chuan na [[Cuan na Maoile|Maoile]]. Is e an gnè creige a tha fon uachdair a dh' fhàg an cumadh sin air. Tha cruth an eilein le a [[loch mara|lochan]] eangach mara, agus a chlàr, le a [[beinn|bheanntan]] 's a [[druim|dhromannan]] nam fianais gus an latha an-diugh air tachartasan linntean milleanan bliadhna air ais.
 
== Cruinn-eòlas ==
 
Bha an t-Eilean ceangailte ri tirtìr-mòr nuair a bha [[àrd-thìr Chailleann]] ag èirigh bho dhoimhne chuain gu bhith na h-[[aonach|aonaichean]] àrda. 'S iad beanntan a' [[An Cuiltheann|Chuilthinn]] Dhuibh na tha air fhàgail dhuinn de na chruaidhich anns na [[glomhas]]an mòra a bh' ann roimhe. 'S iad beanntan a' [[An Cuiltheann|Chuilthinn]] Dheirg na tha air fhàgail den taomadh creig leaghte mar [[granaid|ghranaid]]. Bha an taomadh sin cho cumhachdach gun do thog e [[Blàbheinn]] às a bun.
 
Bha sgaoiltichean eile ann de chreig leaghte mar làbha ris an canar "Basalt". Tha dà thrian a tuath den eilean còmhdaichte le 'basalt'. 'S e sin as adhbhar gu bheil grunnd an eilein cho torach oir leigidh i an t-uisge troimhpe agus brisidh i na mìn-thalamh a tha fìor mhath airson [[feurach]] is [[talamh-àitich]].
Loidhne 41:
* '''bara na gaoithe''' a bhith bhon iar-dheas. On a tha an t-eilean na laighe air taobh siar na h-Alba is air a chuairteachadh leis a' Chuan a Siar, tha a' ghaoth an iar-dheas a' tighinn thuige thar a' chuain sin le luchd de dheataich bhlàth, mhìn a thog i bho uachdar na mara, cuid dheth an crios ain-teth na cruinne. Tha buige is blàths a' tighinn an lorg na gaoithe, air chor is gur h-ann ainneamh a leanas sneachd no reothadh, nuair a thig iad, ach ùine bheag.
 
* Tha a-rithist [[Sruth a' Chamais]] a' tighinn gu a chladaichean leis an teas a shùigh e bhon ghrèin aig Camas MheagsacoMheagsago. Tha sin a' leasachadh blàths na h-aimsir, oir cumaidh uisge, agus bheir e seachad mòran teas a bharrachd 's a nì talamh tioram. Tha cuid den teas sin ga thogail air a slighe leis a' ghaoith an iar-dheas.
 
* Seach gu bheil an t-eilean cho beanntach tha aig a' ghaoith ri èirigh anns an dol seachad. Anns an èirigh tha i a' dol an tainead, no a' sgaoileadh, 's a' fàs fuar. Tha sin a' cur na mìn-dheataich na boinneagan mòra a tha a' tuiteam nam frasan. Anns an tionndadh den deataich gu uisge tha i a' cur dhith an teas a rinn a togail aig deas fo bhuaidh na grèine. Seo aon dòigh air faighinn aig tuath an teas a thug a' ghrian seachad aig deas: an [[teas ceilte]], no ''latent heat''.
Loidhne 75:
Tha taigh-staile mòr [[Talisker|Talasgair]] ann. Cuideachd tha ''Mac-na-Mara'','' Tè bheag nan Eilean'' agus ''Poit Dhubh'', [[uisge-beatha]] pòsta, air an reic ann an [[Eilean Iarmain]] ann an [[Slèite]].
 
=== RòinnRoinn turasachd ===
As t-samhradh thig mòran luchd-turais don eilean seo.
Tha an t-Eilean Sgitheanach cliùiteach airson na seallaidhean brèagha, m.e.:
Loidhne 82:
Tha iomadach seann chaisteil rim faicinn, m.e:
* [[Caisteal Dhùn Bheagain]], a chaidh a thogail anns an 13mh linn.
* Caisteal Armadail às an 10mh linn; an diugh tha taisbeannadhtaisbeanadh agus ionad Clan Donald ann.
 
Tha taigh-tasgaidh mu dhualchas nan eilean agus croitearachd ann an ceann a tuath an eilein, aig [[Cille Mhoire]].
Loidhne 95:
== Dòighean shiubhail ==
[[Faidhle:Skye Road Bridge.JPG|thumb|250px|Drochaid an Eilein Sgitheanaich]]
Tha ceangal gu tìr mhòr [[Breatainn|Bhreatainn]] le [[drochaid]] ris an canar sa Bheurla: "Skye Bridge". Chaidh an drochaid eadar [[Caol Loch Aillse]] agus [[Caol Acain]] a thogail anns a' bhliadhna [[1995]]. Ach bha muinntir an eilein a' gearan mun phrìs (7.50 notaichean) a b' fheudar dhaibh a paigheadhpàigheadh. Mar sin dheth cheannaich Riaghaltas na h-[[Alba]] an drochaid ann an [[2004]]. An dràsta cleachdar an drochaid saor 's asgaidh.
 
Tha bàtaichean aiseig a' ruith eadar [[Armadail]] agus [[Mallaig]], as t-samhradh cuideachd eadar Caol Acain agus [[Gleann Eilge]].
Loidhne 104:
== Rudan inntinneach ==
* Rugadh [[Niall MacLeòid]], am Bàrd Sgitheanach, ann an Gleann Dail ann an 1843.
* Tha [[Donaidh Rothach]], seinnadairseinneadair [[Gàidhlig]] a' fuireach ann am Port Rìgh. B'abhaist àbhaist dha cluich anns a' chòmhlan rócroc [[Runrig]].
* [[Somhairle MacGill-Eain]], [[bàrd]] cliùiteach, bha e a' fuireach anns an eilean airson mòran bhliadhnaichean.
* [[Seachd]], film Gàidhlig a chaidh a dhèanamh anns an eilean fhèin; foillsichte anns a' bhliadhna [[2007]].
Loidhne 126:
== Bailtean san Eilean Sgitheanach ==
* [[An t-Aodann Bàn]]
* [[Àrd a' BhasairBhàsair]]
* [[An t-Àth Leathann]]
* [[Boraraig]]
Loidhne 135:
* [[Dùn Tuilm]]
* [[Ealaghol]]
* [[Fearainn DomhnaillDòmhnaill]]
* [[An Garadh Fada]]
* [[Port Rìgh]]
Loidhne 150:
* [[Pabaigh]]
* [[Sòdhaigh]]
* [[Bhuia (na h-Eileanan a-staigh)|Bhuia]] neo FùidheighFuidheigh
* [[Ìosaigh]]
* [[na h-Eileanan Ascrib]]