An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jane Austen"

Content deleted Content added
b Robot: he:ג'יין אוסטן is a featured article
No edit summary
Loidhne 10:
| CREIDEAMH =
}}
 
Bha '''Jane Austen''' 'na sgrìobhadair [[Sasainn|Sasannach]].
Bha '''Jane Austen''' (16 An Dùbhlachd 1775- 18 An t-Iuchar 1817) 'na sgrìobhadair [[Sasainn|Sasannach]] a sgrìobh nobhailean romansach mun uachdaranan agus na teaghlaichean aca. Bhuannaich iad cliù aice mar aon de na sgrìobhadairean nas ainmeile anns a Bheurla. Bha am fìorachas, an t-ìoronas làidir, is an aithris shòisealta aice ga bhuannaich an cuideam eachdraidheil a-rèir barail sgoilearan is bhreithnichean. Dh’fhuirich Austen fad na bheatha mar phàirt teaghlaich gu math dlùth. B’ e uachdaranan a bh’ annta ach chan e teaghlach beartach no neartmhor a bh’ ann.
Bha i air a foghlam fo a h-athair is a bràithrean nas aosta is a’ bharrachd air sàilleibh ’s gun do leugh i mòran. Bha taic dhìleas teaghlaich aice gu sònraichte cudromach dhi airson leasachaidh aice na sgrìobhadair proifeiseanta. Mhair a’ phreantasachd aice mar sgrìobhadair bhon dheugachadh aice gu ruige is às dèidh dhi ruig trithead bliadhna a dh’aois. Rè an àma sin, dh’ fheuch i diofar cruthan litreachais. Thòisich i epistolary novel (nobhail tro litreachan/leabhar-latha) ach, thug i thairis an nobhail seo. An-sin, sgrìobh i is dh’àth-sgrùd i trì nobhailean cudromach is thòisich i air a’ cheathramh fear.
Eadar 1811 is 1816 chaidh Sense and Sensibility(1811) Pride and Prejudice (1813), Mansfield Park (1814) is Emma (1816) fhoillseachadh agus dh’fhàs i shoirbheachail na sgrìobhadair.Sgrìobh i dà nobhail a’ bharrachd, Northanger Abbey is Persuasion, chaidh an dà chuid fhoillseachadh às dèidh dhi bhàsaich. Thòisich i a treas nobhail ach chaochail i mus do chuir i crìoch oirre.
 
Bha nobhailean Austen a’ cur air ioladh na nobhailean bho dàrna leth an ochdamh linn deug air a bheil an ainm novels of sensibility(Nobhailean maoth-inntinneach). B’ e nobhailean Austen pàirt de leasachadh an nobhail fìor-riochdail air sgàth an robh an naoidheamh linn deug ainmeil. `S e plotan èibhinn a th’ ann an leabhraichean aice ach bhruidhneadh iad cuideachd mu eisimeil bhoireannach air a’ phòsadh airson cliù is teachd a-steach aca. Bha leabhraichean aice fèill-mhòr mar as trice ach chaidh iad fhoillseachadh neo-ainmeach. Cha robh i ainmeil agus cha d’fhuair i ach beagan lèirmheasan math nuair a bha i fhathast bheò. Chaidh leabhar ogha aice, A Memoir of Jane Austen fhoillseachadh ann an 1869 agus air sgàth seo dh’fhàs daoine an fharsaingeachd eòlach oirre. Rinn tòrr dhaoine rannsachadh acadaimigeach ma deidhinn ann an dàrna leth naoidheamh linn deug agus a-nis tha iomadh neach-leantainn Jane Austen.
 
 
{{DEFAULTSORT:Austen, Jane}}