An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Prionnsa Teàrlach Stiùbhart"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 33:
 
== Breith agus Òigridh ==
Air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna 1720, rugadh leanaibh mic do [[Rìghrean na h-Alba#Na Stiùbhartaich|theaghlach rìoghail nan Stiùbhartach]] anns [[an Ròimh]]. B' e esan Teàrlach Èideard Stiùbhart, mac [[Rìgh Seumas VIII na h-Alba agus III Shasainn|Rìgh Sheumais VIII is III]] agus oighre dligheach [[Crùn Bhreatainn]]. Rinn mòran dhaoine gàirdeachas mu naidheachd a bhreith oir bha seo a' toirt dòchas ùr do [[na Seumasaich]] gum faigheadh Tigh Rìoghail nan Stiùbhartach an crùn, a chaill iad an [[1688]] agus a bha a-nise le [[TighTaigh Rìoghail Hanòbhair]], air ais dhaibh fhèin.
 
Chaidh am Prionnsa a thogail na fhògarrach fada bho [[Bhreatainn]]. Bha fhios aige bho bha e glè òg mu chòir a theaghlaich air Crùn Bhreatainn - dùthaich far nach fhaodadh e a dhol. Chuir e roimhe gum faigheadh e air ais e nuair a bhiodh an t-àm ceart.