An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Ruadh Phàislig"

Content deleted Content added
bNo edit summary
eadar-theangachadh
Loidhne 4:
 
'S e pìobaire ioma-phuirt a bh' ann an Dòmhnall. Bha e na [[clachaireachd|chlachair]] agus na [[iasgach|iasgair]] ann an Uibhist agus bha e greis ag obair air loidhnichean-fòin a chur a-staigh. Na òige ghabh e don arm mar phìobaire ann an [[Rèisimeid nan Camshronach]]. Bha e air an arm fhàgail ron [[An Cogadh Mòr|a' Chogadh Mhòr]] ach chaidh e don Fhraing mar phìobaire nan Camshronach. Mu dheireadh thog e a chasan leis a thìr mòr far an do phòs e Màiri NicIllFhaolain, a bha cuideachd à Uibhist a-Deas ann an 1930. Bha ceathrar chloinne agus 's e dachaigh làn Gàidhlig a bh' aca ann am [[Pàislig]], far an do rinn Dòmhnall deagh chuid de na h-òrain aige. Bha iomadach cuspair fa-near dha, eadar beatha ann an Uibhist agus ann an [[Glaschu]] agus nas fhaide air falbh.
 
Dh'eadar-theangaich e bàrdachd [[Raibeart Burns]] gu Gàidhlig, mar eisimpleir 'Tam O Shanter' agus 'The Twa Dugs'. Tha Ruaraidh MacThòmais a' moladh nan eadar-theangachaidhean.<ref>Thomson, Derick. ''An Introduction to Gaelic Poetry ''(London: Victor Gollanz Ltd, 1974) 257.</ref>
 
Bha Dòmhnall air a chrùnadh mar Bhàrd [[An Comunn Gàidhealach|a' Chomuinn Ghàidhealaich]] ann an 1938 agus bha a' bhàrdachd aige air a foillseachadh leis a' [[Scottish Gaelic Texts Society]] ann an 1968. Tha e air a thìodhlaigeadh ann an Cladh Hawkhead ann am [[Pàislig]].
 
== Iomraidhean ==
<references />
 
==Ceanglaichean a-muigh==