An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 11:
== Bàrdachd ==
Ged nach robh leughadh no sgrìobhadh aig Donnchadh bha e mion-eòlach air a' [[bàrdachd|bhàrdachd]] Ghàidhlig a bh' air teanga tòrr den t-sluagh aig an àm. Choisinn e cliù bhuan do chuid bhàrdachd fhèin nuair a dh'fhoillsich e i anns a' bhliadhna 1768. Bha cuideachadh aige bho ghrunnd charaidean ann a bhith a' coilionadh na h-obrach seo, nam measg An t-Ollamh Dòmhnall MacNeacail, [[Lios Mòr]].
 
[[File:Beinn Dorain.jpg|thumb|Beinn Dòbhrain]]
 
A bharrachd air òrain agus dàn mu nàdar, bhiodh Donnchadh cuideachd a' dèanamh òrain-gaoil agus tha aon fhear aca seo fhathast gu sònraichte ainmeil an-diugh; 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta' no 'a Mhàiri Bhàn Òg'. Tha stòiridh ann am beul-aithris mu fhear a thuirt ri Màiri, 's i na seann aois, nach aithnicheadh e idir i bhon òran. Fhreagair Donnchadh gun aithnicheadh e anns a' bhad i nan robh e ga faicinn tro shùilean fhèin.