An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir"

Content deleted Content added
Bàrdachd
Loidhne 1:
'S e bàrd Gàidhlig a bh' ann an '''Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724 - 1812)''', aon de na bàird Ghàidhlig as ainmeile is as cudromaiche ann an 18mh linn.
 
== Sgeul-beatha ==
[[File:Donnchadh Bàn 435885.jpg|thumb|Cuimhneachan do Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir faisg air [[Inbhir Dhobhrain]]]]
Bhuineadh '''Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir''' (1724 - 1812) do [[Gleann_Urchaidh|Ghleann Urchaidh]] ann an [[Earra-Ghàidheal]]. Bha e na fhòrsair agus na gheamair anns an sgìre sin airson iomadach bliadhna agus 's ann airson nan dàn ainmeil nàdair a rinn e mu na beanntan agus na glinn mun cuairt oirre a tha a' mhòr-chuid eòlach air ainm. Nam measg seo tha 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' agus 'Moladh [[Beinn Dòbhrain]]'.
Line 4 ⟶ 7:
Bha Donnchadh cuideachd a' tighinn beò mar shaighdear aig diofar amannan. Tha iomradh na bhàrdachd mu bhith a' sàbaid an arm an riaghaltais aig [[Blàr na h-Eaglaise Brice]] ann an 1746. Bha e greis ann am [[Freiceadan Bhràghaid Albann]] agus bha e ann an [[Geàrd Bhaile Dhùn Èideann]] on bhliadhna 1767 a-mach.
 
Tha carragh-cuimhne mòr do Dhonnchadh Bàn ann an [[Eaglais nam Manach Liath]] ann an Dùn Èideann. Chaidh seo a ghlanadh agus seirbhis a chumail le buidhinn-choimhearsnachd Ghàidhlig a' Bhaile, Bothan ann an 2005. Tha carragh-cuimhne eile ann dha mu dheas air Dàil Mhàillidh ann an Earra-Ghàidheal.
 
== Bàrdachd ==
Ged nach robh leughadh no sgrìobhadh aig Donnchadh bha e mion-eòlach air a' [[bàrdachd|bhàrdachd]] Ghàidhlig a bh' air teanga tòrr den t-sluagh aig an àm. Choisinn e cliù bhuan do chuid bhàrdachd fhèin nuair a dh'fhoillsich e i anns a' bhliadhna 1768. Bha cuideachadh aige bho ghrunnd charaidean ann a bhith a' coilionadh na h-obrach seo, nam measg An t-Ollamh Dòmhnall MacNeacail, [[Lios Mòr]].
 
A bharrachd air òrain agus dàn mu nàdar, bhiodh Donnchadh cuideachd a' dèanamh òrain-gaoil agus tha aon fhear aca seo fhathast gu sònraichte ainmeil an-diugh; 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta' no 'a Mhàiri Bhàn Òg'. Tha stòiridh ann am beul-aithris mu fhear a thuirt ri Màiri, 's i na seann aois, nach aithnicheadh e idir i bhon òran. Fhreagair Donnchadh gun aithnicheadh e anns a' bhad i nan robh e ga faicinn tro shùilean fhèin.
 
=== Nàdar agus àitichean ===
Tha carragh-cuimhne mòr do Dhonnchadh Bàn ann an [[Eaglais nam Manach Liath]] ann an Dùn Èideann. Chaidh seo a ghlanadh agus seirbhis a chumail le buidhinn-choimhearsnachd Ghàidhlig a' Bhaile, Bothan ann an 2005. Tha carragh-cuimhne eile ann dha mu dheas air Dàil Mhàillidh ann an Earra-Ghàidheal.
* [http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/donnchadh_ban/bardachd/index2.shtml#analysis_links_patch 'Cumha Coire a' Cheathaich]'
* [http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/donnchadh_ban/bardachd/index3.shtml#analysis_links_patch 'Cead Deireannach nam Beann']
* [http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/donnchadh_ban/bardachd/#analysis_links_patch 'Moladh Beinn Dòbhrain']
 
=== Moladh agus Cumha ===
Tha òrain Dhonnchaidh rin lorg ann an 'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre', deasaichte le Aonghas MacLeòid (Dùn Èideann, 1952).
* 'Cumha Chailein Ghlinn Iubhair'
* 'Òran do Iain Caimbeul a' Bhanca'
 
=== Gaol ===
* 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta'
* 'A Mhàiri Bhàn Òg'
 
Tha òrain Dhonnchaidh rin lorg ann an 'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre', deasaichte le Aonghas MacLeòid (Dùn Èideann, 1952).
==Ceanglaichean a-muigh==
*[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/donnchadh_ban/am_bard/ BBC Alba: Làrach nam Bàrd: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]