An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Litreachas"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Old book bindings.jpg|thumb|right|250px|Seann [[Leabhar|leabhraichean]]]]
'S e teacsaichean sgrìobhte a tha ann an '''litreachas'''. Faodar ga roinn eadar sgrìobhaichean fìrinneach, mar eisimpleir aistean sna [[Pàipear-naidheachd|pàipearan-naidheachd]] agus leabhraichean [[Saidheans|saidheansail ]], agus an fheadhainn neo-fhìrnneachfhìrinneach: [[rosg]], [[bàrdachd]] agus [[dràma]].
 
==Eachdraidh==
Am measg nan teagsaicheanteacsaichean litreachais a bu shine tha ''[[Eipic de Ghilgamesh]]'' à [[Sumer]] agus ''[[Leabhar nam Marbh]]'' às an [[An Èipheit|Èipheit]] ('s mathaid roimhe 2000 RC) no na ''[[Veda|Vedathan]]'' às na h-[[Na h-Innseachan|Innseachan]] ('s mathaid roimhe 1000 RC). Chan eilear cinnteach dè cho seann a tha iad, oir dh'fhàs iad bho [[beul-aithris]] mus robh iad air an cur air a' phàipear. Thathar a' smaoineachadh gur ann bhon 8mh linn RC a tha ''Iliad'' agus ''Odysseia'' le [[Homer]] a thòisich litreachas Greugach is Ròmanach ClaisigeachClasaigeach.
 
Airson na linntean, cha robh fàrmhorachd litreachais ann an diofar cheàrnan den t-saoghail cothromach, leis nach robh gu leòr eadar-obrachaidh ann eadar culturan sònraichte mar cultar na [[An Roinn-Eòrpa|Roinn-Eòrpa]], cultar [[Arabais|Arabach]], Innseanach, [[Sìona (roinn chultarach)|Sìneach]] no [[An t-Seapan|Seapanach]]. Mar sin, 's ann doirbh tuairisgeul a thoirt air litreachas an t-saoghail san fharsaingeachd. Anns na linntean mu dheireadh thòisich na diofaran seo ri dhol à sealladh; aig an aon àm, ge-tà, bha buaidh dona ann air na cultaran agus litreachasan mion-chuid.
Loidhne 12:
''Faic cuideachd: [[:Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach|Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach]]
 
'S ann anns a' [[Briothannais|Bhriothannais]] a chaidh na teagsaicheanteacsaichean a bhubu shine a chaidh a sgrìobhadh far a bheil Alba an-diugh agus a mhair gu ruige seo, gu h-àraidh ''[[Y Gododdin]]''. Tha iad a-nis nam pàirt den dhualchas [[Cuimris|Chuimris]]. As an dèidh, nochd sgrìobhaichean anns an [[Laideann]], [[Fraingis|Fhraingis]] no [[Seann-Lochlannais|Sheann-Lochlannais]] (ged a chaidh an ''[[Orkneyinga saga]]'' ainmeil a sgrìobhadh ann an [[Innis Tìle]]), ach b' e litreachas sgrìobhte anns a' [[A' Bheurla Ghallda|Albais]] a dh'fhàs a bhith a bu chudromaiche anns na [[Meadhan-aoisean]], le bàird mar [[John Barbour]], [[William Dunbar]], [[Walter Kennedy]] (aig a bha Gàidhlig bho thùs) no [[David Lyndsay]].
 
As dèidh an [[Aonadh nan Crùintean|aonaidh eadar Alba is Sasainn]] ann an 1603, thug [[Beurla]] an àite a bha aig Albais mar a' phrìomh-chànan de litreachas Albannach,<ref>T.C. Smout: ''A History of the Scottish People 1560-1830'', 1969, tdd 460-461.</ref> ged a chùm ùghdaran mar [[Allan Ramsay]], [[James Hogg]] agus am "bàrd nàiseanta" [[Raibeart Burns]] sgrìobhadh anns an Albais. Bhuannaich grunnan ùghdaran Albannach bhon àm sin cliù air feadh an t-saoghail, [[Seumas Mac a' Phearsain]] leis na h-"eadar-theangachaidhean" fuadain Oiseanach, [[Walter Scott]] le nobhailean eachdraidheal, [[Robert Louis Stevenson]] agus [[Arthur Conan Doyle]] nam measg. Anns am 20mh linn thàinig ris an canar [[Ath-bheòthachadh na h-Alba]] le sgrìobhadairean mar [[Ùisdean MacDhiarmaid|Hugh MacDiarmid (Ùisdean MacDhiarmaid)]], [[Lewis Grassic Gibbon]], [[Compton Mackenzie]] agus [[Edwin Morgan]]. Chunnaic an dàrna leth den linn ùghdaran a' sgrìobhadh ann an dà de na cànanan na h-Alba, m.e. [[Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton)|Iain Mac a' Ghobhainn]] (no Iain Crichton Smith) a sgrìobh an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla, air no [[Irvine Welsh]] a tha a' measgachadh na Beurla agus na h-Albais anns na nobhailean aige.
Loidhne 19:
''Faic cuideachd: [[:Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig|Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
 
Ged a tha beartas mòr [[beul-aithris]] aig a' chànan, cha do mhair teagsaicheanteacsaichean sgrìobhte aosda innte gu ruige seo ach a-mhàin ''[[Leabhar Deathan Lios Mòir]]'' (leabhar ioma-chànanach leis a' Ghàidhlig mar a' phrìomh chànan) bhon 16mh linn. Thathar a' smaoineachadh gur e poileasaidhean rìoghail an aghaidh na Gàidhlig as coireach gun deach mòran sgrìobhaichean sa chànan a sgriosadh.<ref>Peter Berresford Ellis: ''MacBeth, High King of Scotland, 1040-57'', 1980</ref> A dh'aindeoin a' chliù a bhuannaich [[Seumas Mac a' Phearsain]], cha robh eadar-theangachadh iomraiteach de [[Bìoball|Bhìoball]] ann gus deireadh an 18mh linn. Chaidh a' chiad [[nobhail]] sa chànan, ''[[Dùn Aluinn]]'' le Iain MacCormaig, fhoillseachadh ann an 1912. Rè na 20mh linn bha [[bàrdachd Ghàidhlig]] le ùghdaran mar [[Somhairle MacGill-Eain]], [[Ruaraidh MacThòmais]], [[Iain Mac a' Ghobhainn]], [[Crìsdean Whyte]] neo [[Meg Bateman]] a bu shoirbheicheile, ged a sgrìobhadh ùghdaran mar [[Iain Mac a' Ghobhainn]], [[Tormod Caimbeul]] neo [[Aonghas Pàdraig Caimbeul]] rosg ùr-ghnàthach cuideachd. Tha [[Comhairle nan Leabhraichean]] agus [[Ùr-sgeul]]<ref>{{cite web |url=http://www.arts.ed.ac.uk/celtic/poileasaidh/20Mar07_UrSgeul.pdf |title=Ùr-Sgeul: Ag Ùrachadh Litreachas is Cultar na Gàidhlig . . . Dè an Ath Cheum? |author= Storey, John |date=March 2007 |work=Seminars on Research on Language Policy and Language Planning |publisher=Oilthigh Dhùn Èideann - Celtic and Scottish Studies |accessdate=31 July 2012}}</ref> as cudromaiche airson a bhith a' brosnachadh foillseachadh bàrdachd is ruisg san 21mh Linn ('s e foillsichear [[CLÀR]] a dh'fhoillsich Ùr-Sgeul), mar eisimpleir nobhailean le [[Tormod Caimbeul]], [[Aonghas Pàdraig Caimbeul]], [[Iain F MacLeòid]] neo [[Tormod MacGill-Eain]]. 'S e [[Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig]] am buidheann as cudromaiche airson leabhraichean foghlaim.
 
==Iomraidhean==