An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gairm"

Chaidh 334 baidht a chur ris ,  6 bhliadhnaichean air ais
Luchd-sgrìobhaidh
(Luchd-sgrìobhaidh)
[[Image:Gairm.jpg|right|300px|thumb|Gairm - an ciad deasachadh, Am Foghar 1952]]
 
B' e [[iris]] ràitheil litreachais na [[Gàidhlig]], foillsichte às Gàidhlig bhon Foghar [[1952]] gun Foghar [[2002]] a bha ann an '''Gairm'''. Stèidhichte le [[Ruaraidh MacThòmais]] agus Fionnlagh J. MacDhòmhnaill, b' e [[Ruaraidh MacThòmais]] an neach -deasachaidh bhon chiad iris chun an iris mu dheireadh.
 
Nochd iomadh iomadh dàn Gàidhlig cudromach ann an Gairm: mar eisimpleir, "[[Hallaig]]" le [[Somhairle MacGill-Eain]] ann an 1954, bàrdachd le [[Deòrsa Mac Iain Dheòrsa]], [[Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton)|Iain Mac a' Ghobhainn]], [[Maoilios Caimbeul]], [[Catrìona NicGumaraid]], neo [[Ruaraidh MacThòmais]] fhèin. A thaobh rosg, dh'fhoillsich Gairm sgeulachdan ghoirid le [[Eilidh Watt]] neo le [[Iain Mac a' Ghobhainn]].
 
B' e eadar-theangachadh (mar eisimpleir bàrdachd Anna Achmatova air eadar-theangachadh le [[Crìsdean Whyte]], Aireamh 125, Geamhradh 1983-1984) is ath-sgrùdadh litreachais Gàidhlig (le [[An t-Ollamh Dòmhnall Meek|Dòmhnall Eachann Meek]] neo [[Dòmhnall MacAmhlaigh]]) nam pàirt cudromach dhen Gairm. Nuair a sguir Gairm, chaidh iris ùr [[Gath]] air bog.
 
== Luchd-sgrìobhaidh Gairme ==
Tha an clàr-amais dhen t-sreath Gairm air fad ri fhaicinn aig [http://www.ambaile.org.uk/gd/index.jsp Am Baile] leis na [http://www.ambaile.org.uk/gd/newspapers/index.jsp clàran-amais phàipearan naidheachd].
* [[Crìsdean Whyte]]
 
* [[Deòrsa Mac Iain Dheòrsa]]
Nuair a sguir Gairm, chaidh iris ùr [[Gath]] air bog.
* [[An t-Ollamh Dòmhnall Meek|Dòmhnall Eachann Meek]]
* [[Dòmhnall MacAmhlaigh]]
* [[Eilidh Watt]]
* [[Iain Mac a' Ghobhainn]]
* [[Ruaraidh MacThòmais]]
* [[Somhairle MacGill-Eain]]
 
== Ceanglaichean a-mach ==
Tha an* clàr-amais dhen t-sreath Gairm air fad ri fhaicinn aig [http://www.ambaile.org.uk/gd/index.jsp Am Baile], leis na [http://www.ambaile.org.uk/gd/newspapers/index.jsp clàran-amais phàipearan naidheachd].
[[Category:Meadhanan]]
[[Category:Gàidhlig]]
243

deasachadh