An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eachdraidh nan damaichean air a' Ghàidhealtachd"

Content deleted Content added
Loidhne 8:
 
Eadar 1947 is 1961 chaidh barrachd air 60 taighean is taighean-eunaidh a leagail, dhachaigh dha na buachaillean is stalcairean far an robh iad ag obair; bhathar a smaoineachadh gur e phrìs a bh’ ann a b’ fhiach a phàigheadh. Rè na h-ùine sin chaidh 56 damaichean a thogail is 54 stèiseanan-cumhachd uisge. A bharrachd air sin, bha faisg air 200 mìle den tunailean a thogail is timcheall air 400 mìle rathaid.
Mar sin thàinig iomadh atharrachadh gu tìr is muinntir. Mar eisimpleir ann an Gleann Srath Farrar (san sgeama Afraig-[[A' Mhanachainn|Manachainn]], aon gu mòr as motha) a-mach bho dam bheag, dà stèisean-cumhachd fon talamh is mòran paidhleonan, gu ìre cha robh buaidh air gleann-ìosal; ach aig ceann a ghlinne sin chaidh ochd taighean fon uisge nuair a thog an dam aig Monar. Thachair an aon rud tron iomadh gleann air feadh na Gàidhealtachd; am measg na sgeamaichean as motha, na feadhainn aig Sin, Conan, Loch Sluagh-[[Loch Obha]], Bràghad Albainn, Cruachan is Teimheil - àiteachean far am biodh am buil a bu mhotha.
 
Thàinig mòran daoine far am biodh obair gu leòr airson barrachd nan neach-obrach san Gàidhealtachd aig an àm; mar sin, biodh gnothaichean ionadail - bùithtean, taighean-òsda, taighean-seinnse, companaidhean-siubhal, luchd-togail - a’ dèanamh math bho barrachd gnothachais. A-rèir nan ùghdarrasan, bhiodh seilbheachd phoblach sin math airson muinntir na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Bha e aithnichte, cuideachd, gum biodh eadar-dhealachadh mòr airson nan daoine a bha fuireach faisg air na lochan far am biodh na damaichean gan togail. Dh’fheumadh iad a gluasad dha àiteachean eile airson àiteachean-fuirich ùr is obrach ùr, ach bha iad san beag-chuid.