An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eachdraidh nan damaichean air a' Ghàidhealtachd"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 3:
 
==Adhbharraich atharrachadh==
Ro dheireadh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] chaidh Achd Dealain-Uisge (Alba) 1943 tron Phàrlamaid gus sgeamaichean dealain a dhèanadh bho chumhachd an uisge ann an aibhnichean agus lochan na Gàidhealtachd a cheadachadh, fon ceannardas Tom Johnstone, Rùnaire na Stàite ann an-Alba. Aig an àm sin, thàinig luchd-tomhais san iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd is bha iad ga lorg airson àiteachean freagarrach far am biodh sgeamaichean dealan-uisge a thogail. A-rèir Bhùird an Dealain biodh na planaichean aca math anns a h-uile dòigh airson na Gàidhealtachd agus na daoine is bhiodh an dùthaich air fad a’ cur feum air leasachadh. As dèidh an dàrna cogaidh, bha na h-ùghdarrasan a’ lorgadh ro-innleachd eaconamach eadar-dhealaichte, gu h-airidh aig àm den iarrtas gun cheann airson barrachd dealain.
 
Fon ainm "Neart nan Gleann" thòisich iomairt gus am biodh iomadh damaichean a thogail, le stèiseanan-cumhachd nan cois is mar sin bha gnìomhachas nàiseanta a th’ ann bhon tòiseach airson dealan a liubhairt air feadh na h-Alba is leasachadh sòisealta aig an aon àm, gu h-àiridh airson muinntir na Gàidhealtachd. Nuair a bha an sgeama aig àirde, bha mu 12,000 duine ag obair air an hydro. Thàinig fireannaich bho air feadh na h-Alba obair a lorg às dèidh an Dàrna Cogaidh ’s iad a' faighinn deagh phàigheadh. Bha Gearmailtich, Pòlainnich agus Seicich am measg na feadhna as fheàrr air tunailean a chladhach ’s thugadh "Tunnel Tigers" orra. Cho anmoch ri na 1940an, gheibheadh fear dhiubh suas ri £35 san t-seachdain, an taice ri £3 no £4 san t-seachdain do luchd-obrach air oighreachdan.