An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eachdraidh nan damaichean air a' Ghàidhealtachd"

Content deleted Content added
Duilleag ùr bho aiste a sgrìobh mi fhìn
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 18:32, 5 dhen Ghearran 2014

Ro-ràdh

Bho thòiseach an naoidheamh linn deug gu timcheall 1870, bha iarrtas gun cheann airson talamh treabhta is inghilt airson feòil-caoraich is clòimhe. Nuair chaidh pris na clòimhe sìos thionndaidh na h-uachdaran gu gnothaichean ùra is mar sin bha àireamh a tha fàs de thaighean-eunaidh a nochdadh air feadh na Gàidhealtachd. Gu math trice bha mòran luchd-obrach anns na h-àiteachean sin is mar as àbhaist geamairean, stalcairean is buachaillean air am brosnachadh a bhith a’ cumail crodh, oir gu mòr bha na coimhearsnachdan ùra sin stèidhichte ann an ceàrnan iomallach den Gàidhealtachd. Mar sin, dh’fhuirich mòran daoine san Gàidhealtachd airson solaraich goireasan do luchd-turais a bha ann airson fiadhach, iasgach, coiseachd cnuic is spòrs. Mar eisimpleir, aig Pait, ri taobh Loch Mhonair aig ceann Gleann Srath Farrar, bha stàball airson ceathrar eich is sabhal airson ochdnar crodh-laoigh a chumail, is togalaichean eile a bharrachd air na taighean airson luchd-obrach. Bha a’ choimhearsnachd aig Pait coltach ri tuineachaidhean an iomadh àite eile air feadh na Gàidhealtachd.

Adhbharraich atharrachadh

Ro dheireadh an Dàrna Cogaidh chaidh Achd Dealain-Uisge (Alba) 1943 tron Phàrlamaid gus sgeamaichean dealain a dhèanadh bho chumhachd an uisge ann an aibhnichean agus lochan na Gàidhealtachd a cheadachadh, fon ceannardas Tom Johnstone, Rùnaire na Stàite ann an-Alba. Aig an àm sin, thàinig luchd-tomhais san iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd is bha iad ga lorg airson àiteachean freagarrach far am biodh sgeamaichean dealan-uisge a thogail. A-rèir Bhùird an Dealain biodh na planaichean aca math anns a h-uile dòigh airson na Gàidhealtachd agus na daoine is bhiodh an dùthaich air fad a’ cur feum air leasachadh. As dèidh an dàrna cogaidh, bha na h-ùghdarrasan a’ lorgadh ro-innleachd eaconamach eadar-dhealaichte, gu h-airidh aig àm den iarrtas gun cheann airson barrachd dealain.

Fon ainm "Neart nan Gleann" thòisich iomairt gus am biodh iomadh damaichean a thogail, le stèiseanan-cumhachd nan cois is mar sin bha gnìomhachas nàiseanta a th’ ann bhon tòiseach airson dealan a liubhairt air feadh na h-Alba is leasachadh sòisealta aig an aon àm, gu h-àiridh airson muinntir na Gàidhealtachd. Nuair a bha an sgeama aig àirde, bha mu 12,000 duine ag obair air an hydro. Thàinig fireannaich bho air feadh na h-Alba obair a lorg às dèidh an Dàrna Cogaidh ’s iad a' faighinn deagh phàigheadh. Bha Gearmailtich, Pòlainnich agus Seicich am measg na feadhna as fheàrr air tunailean a chladhach ’s thugadh "Tunnel Tigers" orra. Cho anmoch ri na 1940an, gheibheadh fear dhiubh suas ri £35 san t-seachdain, an taice ri £3 no £4 san t-seachdain do luchd-obrach air oighreachdan.

Eadar 1947 is 1961 chaidh barrachd air 60 taighean is taighean-eunaidh a leagail, dhachaigh dha na buachaillean is stalcairean far an robh iad ag obair; bhathar a smaoineachadh gur e phrìs a bh’ ann a b’ fhiach a phàigheadh. Rè na h-ùine sin chaidh 56 damaichean a thogail is 54 stèiseanan-cumhachd uisge. A bharrachd air sin, bha faisg air 200 mìle den tunailean a thogail is timcheall air 400 mìle rathaid. Mar sin thàinig iomadh atharrachadh gu tìr is muinntir. Mar eisimpleir ann an Gleann Srath Farrar (san sgeama Afraig-Manachainn, aon gu mòr as motha) a-mach bho dam bheag, dà stèisean-cumhachd fon talamh is mòran paidhleonan, gu ìre cha robh buaidh air gleann-ìosal; ach aig ceann a ghlinne sin chaidh ochd taighean fon uisge nuair a thog an dam aig Monar. Thachair an aon rud tron iomadh gleann air feadh na Gàidhealtachd; am measg na sgeamaichean as motha, na feadhainn aig Sin, Conan, Loch Sluagh-Loch Obha, Bràghad Albainn, Cruachan is Teimheil - àiteachean far am biodh am buil a bu mhotha.

Thàinig mòran daoine far am biodh obair gu leòr airson barrachd nan neach-obrach san Gàidhealtachd aig an àm; mar sin, biodh gnothaichean ionadail - bùithtean, taighean-òsda, taighean-seinnse, companaidhean-siubhal, luchd-togail - a’ dèanamh math bho barrachd gnothachais. A-rèir nan ùghdarrasan, bhiodh seilbheachd phoblach sin math airson muinntir na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Bha e aithnichte, cuideachd, gum biodh eadar-dhealachadh mòr airson nan daoine a bha fuireach faisg air na lochan far am biodh na damaichean gan togail. Dh’fheumadh iad a gluasad dha àiteachean eile airson àiteachean-fuirich ùr is obrach ùr, ach bha iad san beag-chuid.

Adhartas

Biodh atharraichean mòra, cuideachd, airson sealladh-nàdair is fiadh-bheatha. Air taobh an iar Loch Mhonair, mar eisimpleir, bha iomadh seòrsa eòin-annasach a’ neadachadh; sealladh-clàraichte dhen crann-lach, lochlannach, maor-cladaich, deoch-biugh, guilbneach, gealag an t-sneachd is curracag, a thoirt ainm air ach beagan. Nuair a thog iad an dam aig Monar chaill iad an àrainn gu sìorraidh; am fear sin a bha na phàirt den sgeama Afraig-Manachainn, is bha e a measg na feadhainn aig an deireadh air a thogail, le ùmhlachd do rannsachadh poblach, oir is cinntich gun robh comhaireachd an aghaidh nan atharraichean a bha tighinn ach a dh’aindeoin nan gearan làidir, bha na daoine an aghaidh sa bheag-chuid is chaidh an tòiseachadh an sgeama leas a’ phobaill.

Bhiodh an companaidh dealain a dèanamh tuairmeas mu dheidhinn a’ chosg-èifeachdas aig an sgeama-mhòr aca. Bha dùil aca gum biodh pris an dealain a’ dol sìos, ‘s docha biodh dealan saor an-asgaidh airson muinntir na Gàidhealtachd. Bhathar ag ràdh gum biodh na daoine as a’ Ghàidhealtachd gu math toilichte nuair a gheibheadh iad dealan sa chiad fhear; ach a dh’innse na fìrinn, ràinig dealan gu iomadh àiteachean san Gàidhealtachd mòran bliadhnaichean ron sin - Cill Chuimein 1890, an Gearasdan 1896, Eilean Ruma 1898 is bha dealan aig a mhòr-chuid den clachan air feadh na Gàidhealtachd roimhe 1920an. Cha robh a h-uile duine a creidsinn nan geallaidhean is faidhireachdan aig a’ Bhòrd Dealain, gu h-àiridh ma bhiodh na sgeamaichean sàbhailte nuair a bha iad deiseil. Bha iad eagalach air tuil is amharasach mun faidhireachdan air mach-chur dealain. Mar a thachair e, cha robh e na bu luaithe as-dèidh an sgeama Afraig-Manachainn, a bha ruith, thàinig tuil mhòr bhon bliadhna an t-sneachda bhuidhe (ann an 1966) is rinn e uiread millidh fad na sgìre. Cha robh na sgeamaichean ag obair cuideachd a-rèir plana. Mar eisimpleir, ann an 1968 as-dèidh ràith na tiormachd gu sònraichte, b’ fheudar dhaibh dealan fhaighinn bhon àiteachean eile.

Co-dhùnadh

Tha caochladh-bheachd fhathast ann mu dheidhinn buil-sòisealta is buil-àrainneachd aig na sgeamaichean mòra. Bha dùil aig na h-ùghdarrasan gum biodh iomadh gnìomhachas ùra a tòiseachadh san Gàidhealtachd as-dèidh an leasachaidh; ach bha an ìre-leasachaidh a na bu lugha na bha dùil aca. Bha fàsachadh air a leantainneach nuair na sgeamaichean air a thòisich is aig an aon àm thàinig mòran daoine ann airson obair. Rè na h-ùine den togail, rinn na gnothaichean ionadail math bho na luchd-obrach, oir fhuair iad deagh pàigh is bha iad beartach gu ìre. Dh’fhuirich beag-chuid den luchd-obrach san àiteachean far an robh iad ag obair aig deireadh na sgeamaichean is mar sin chaidh an reat-fàs a lùghdachadh. Bha e eu-coltach ris na fuadaichean a thachair san linntean na bu tràithe oir bha eadar-dhealachadh buan sna gleanntan gu bràth. Ach, a dh’aindheoin sin, na atharraichean mar sin a bha gu math feumail airson leasachadh na Gàidhealtachd san fharsaingeachd, gu h-àiridh aig àm den chruadalachd eaconamaiceach air feadh ar dùthcha.

Leabhar-chlàr