An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Punnd Sasannach"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 92 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q25224 (translate me)
b Robot: hu:Font sterling is a featured article; cosmetic changes
Loidhne 1:
Bho thùs, ann an linn nan Sagsonaich (A thug ainm do Ear-Dheas na Breatuinn), cha b' ann an punnd Shasannach ach cumhachd cheannaich Punnd Troigh de miotail airgead. Gu ìre mhòr, chleachd dùthaich Tuatha na h-Eòrpa airgiod mar meadhan-mhalairt agus tìrean deasach na h-Eòrpa òr. Ann an Sasunn agus Alba, bha an 1/240mh phairt den phunnd aithnichte a bhi na chuideam-pheighinn, agus b' e sin an cuideam airgid a bha anns a' pheighinn Sasunnach roimhe linn nan Tormodaich.
As deidh 1066, mean air mhean mheasgaich rìghrean na Sasuinn bun-mheatailtean le airgiod nam buinn agus chaidh luach an "airgid" seo sìos. Chaidh rìghrean na h-Albainn torr nas fhada na rìghrean na Sasuinn air taobh milleadh an cuid airgid, agus aig am Achd an Aonaidh de 1707 cha robh luach a' Phunnd Albannaich ach 1/12 mh de Punnd Shasannach. As deidh 1707 chleachd an da dhùthaich am Punnd Shasannach, a dh'aindeoin sin bha cuid Albannach a' measadh 1 s. 8 d. Shasunnach ( 1 Sgillinn agus 8 peighinn) a bhi na "punnd Albannach" iomadh bliadhna as deidh sin. Is e sin a bha [[Raibeart Burns]] a' ciallachadh nuair a sgrìobh e an sreath "Twa pund Scots twas a' her riches" anns a' bhàrdachd [[Tam o' Shanter]].
 
Ged a dh'fhalbh am punnd Albannach os cionn 300 bliadhna, bha feum aig na Gaidheal a dh'aithneach an difir eadar am Punnd Sasannach agus am Punnt Éireannach sìos ri 2002, nuair a chuir Èireann a punnd seachad, a ghabhail pàirt an ruith-airgid ùr na h-Eòrpa: An [[Euro]].
Loidhne 32:
Tha cuid an dòchas gun tèid Alba a-steach ri roinn an [[Euro]] ré na beagan bliadhnaichean a tha romhainn.
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Airgead]]
 
{{Link FA|hu}}