An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jaén (baile)"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 47 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q15681 (translate me)
b Robot: es:Jaén is a featured article; cosmetic changes
Loidhne 17:
}}
 
‘S e prìomh-bhaile na roinne leis an aon ainm a th’ann am baile '''Jaén''' ([[IPA]]: xaˈen) , far ainm Prìomh-bhaile na Rìoghachd Naoimh. Tha e suidhichte ann an ceann a deas [[An Spàinn|na Spàinne]] anns an ear-thuath [[Andalusia]]. Tha àireamh-sluaigh dhe 120,021 aige, neo mu 1/6 àireamh-sluaigh na roinne gu lèir. Tha Jaén ann an teas mheadhan a’ Cheàrna Cathaireil Jaén, far a bheil 1/3 àireamh-sluaigh na roinne na tàmh.
 
Tha Jaén na laighe aig bun a' bheinn ris an canar Cerro de Santa Catalina. Tha lìonra dhe sràidean caola aig cridhe a' bhaile mu thimcheall a' chaisteil. Tha mòran fhearrainn torrach làn achaidhean olivares mu thuath. Tha sliabh Jaén agus sliabh Jabalcuz ris an taobh dheas angus iar-dheas, le faiche na h-aibhne Guadalbullón (''Wadi Abd Allah'' ann an [[Arabais]] <ref>[http://personal.telefonica.terra.es/web/sierra-magina/articulos/valle_del_rio_guadalbullon_en_la.htm El Valle del Río Guadalbullón an La Baja Edad Media. Una frontera entre Castilla y Granada, Juan Antonio López Cordero]</ref>) mu thuath, is an abhainn a' sruthadh dlùth air a' bhaile. 'S e leas-abhainn an Guadalquivir (''Al Wadi Al Kebir'' -An Abhainn Mhòr ann an àrabais) a th'ann an Guadalbullón.
 
== Freumhan an ainm ==
 
Tha cuid a' mìneachadh gur e às an [[Laideann]] Villa Gaiena a thàinig an t-ainm Jaén bho thùs. Tha feadhainn eile, is iad Iùdhaich àrabach à Afraga a Tuath, ag innse gur e dìreach às an fhacal [[Eabhra]] Dayan (britheamh) a thàinig ainm a' bhaile. A dh'aindeoin an connspaid sin, 's e جيان (Jayyān) a bh'air aig àm nan Arabach co-dhiù.
 
== Eachdraidh ==
Loidhne 41:
=== Na Muslamaich ===
 
Thàinig na [[Muslamaich]] à Afraga a Tuath ann an [[711]]. Chuir iad còig linn seachad ann an Jaén. 'S e baile mòr cudromach a bh'ann Jaén fo na Muslamaich agus thogadh iad lùchairtean, tùran, mùirean, mosgaichean agus taighean-ionnlaid. 'S e prìomh-bhaile na Rìoghachd Dijaryan a bh'anns a' bhaile an dèidh do Rìgh Abdelazib ga cheannsachadh anns an [[10mh linn]]. Thug na Almoravidich làmh an iuchdaire anns an [[1091]] agus chaill e gu na h-Almohadaich ann an [[1148]]. Thug am baile cliù airson deagh àiteachais agus coilltearachd rè linntean nan Muslamach agus bha e ainmeil cuideachd airson às-mhalairt stuthan ann am fiodh agus brat-ùrlair, gan reiceadh air feadh [[Al-Andalus]] (Spàinn nan Arabach) agus thall thairis ann an Afraga a Tuath. Ann an [[1212]] bhuannaich na Crìostaidh Blàr Navas de Tolosa agus le sin fhuair iad smachd air an Guadalquivir. Beagan bhliadhna an dèidh sin, ann an [[1246]] cheannsaich Rìgh Fernando III am baile, tro aonta leis an Rìgh Muhammad Alhamar. Dh'fheuch na h-Arabaich Nasridich, à Granada, ris a' bhaile a thoirt a-mach às na Crìostaidh ann an 1300, ach b'urrainn dhuibh sin a dheànamh. Thog na Crìostaidh caistealan air feadh na sgìre, is am baile fo bhuaidh na Spàinne a-chaoidh, gus an latha an-diugh.
 
== Rudan ri Fhaicinn ==
 
=== Lùchart Villadompardo ===
'S e togalach steidhichte aig àm an Ath-Bheòthachadh a th'ann an Lùchart Villadompardo. 'S ann leis a' chiad Iarla Villadompardo, Fernando Torres y Portugal, a bha na Leas-Rìgh air a' Pearu aig àm Iompaireachd na Spàinne a bha an lùchart<ref>[http://www.dipujaen.es/conoce-diputacion/areas-organismos-empresas/areaC/centro-cultural-palacio-villadompardo/palacio-villadompardo/ Ughdarrasan Ionadail]</ref>. Bhathar a' cleachdadh an Lùchart mar bhanca eadar an [[17mh linn]] agus an [[18mh linn]]. An dèidh sin bha e na thaigh-Eirdinn banail gu ruige [[1901]], nuair a thug an comhairle os làimh e. Tha an Hamman (Taigh-Ionnlaid) as motha anns an Roinn Eòrpa fon lùchart. Chaidh an Hammam<ref>[http://www.andalucia.com/health/arab-baths.htm Andaluía.com]</ref> a thogail aig àm Righ Abd-Al-Rahman II (Toledo [[792]] - Córdoba [[852]]). Chaidh an Hamman a dhìochuimhneachadh an dèidh na lùchairte a thogail gu ruige [[1922]]. Bhuannaich an toglach, na thaigh-tasgaidh bho [[1970]], nuair a ghluais an Taigh-Eirdinn gu àite eile, an Duais Europa Nostra ann an [[1984]]. Tha dà thaigh-tasgaidh am broinn na lùchairte: Taigh-Tasgaidh Ealainn agus Cleachdaidhean an Tuath agus Taigh-Tasgaigh Ealainn Nòs Soineannta<ref>[http://www.laguiago.com/jaen/empresa/2544/palacio-de-villadompardo/ Palacio de Villadompardo en La Guía Go]</ref>.
 
=== Caisteal Santa Catalina ===
[[FileFaidhle:Plano del Castillo de Jaén.svg|thumb|left|200px|Plana a' chaisteil]]
'S e toglach le freumhan Arabach a th'anns a' Chaisteal Santa Catalina. Chaidh caisteal a steidheachadh shuas air a' bheinn os cionn a' bhaile leis na h-Arabaich anns an [[8mh Linn]], ach bha strucar dìonail air a bhith ann an siud bho àm nan Iberach, iomadach linne ro ìompareachd nan Ròmanach. Thog na h-Arabaich Alcazar (Caisteal ann an nòs Arabach) aig àm Rìgh Alhamar. An dèidh ceannsachadh a' bhaile ann an [[1246]], chaidh Caisteal mòr a steidheachadh air tobhtaichean a' chaisteil Arabach, agus Eaglais Naoimh Catalina na lùib<ref>[http://www.castillosnet.org/programs/castillosnet.php?tip=inf&dat=jaen/J-CAS-047 CastillosNet]</ref>. Dh'òrdaich Condestable Iranzo obair mhòr anns an 15mh linn. Chaidh an caisteal a leasachadh aig àm nan Frangach, aig toiseach na [[19mh linn]]e, is thog iad ospadal, sabhail, àros an Riaghladair, oifisean agus làrach airson gunnaichean mòra. Rè an 19mh linne. Leag iad ann an fìor droch stàit e ann an [[1812]]. Rinneadh obair air a' chaisteal rè an 19mh linne, gu brìgh gu robh còmhstri ann ceangailte le Cogadh nan Carlistas, 'S e Taigh-Osta na Stàite, neo parador, a th'ann an latha an-diugh<ref>[http://www.parador.es/es/tratarFichaParadorCabecera.do?parador=042 Parador de Jaén]</ref>.
 
=== Cathair-Eaglais ===
[[FileFaidhle:Catedral de Jaén - afloresm.jpg|thumb|200px|Sealladh air a' Chathair-Eaglaise]]
Thoisich obair air Cathair-eaglais a' bhaile anns an [[16mh linn]], ann an àite far an robh [[mosg]]. Chaill na h-Arabaich Jaén ann an [[1249]] agus dh'òrdaich Rìgh Fernando III gun deach e a thionndaidheadh gu eaglais. Chaidh am mosg a milleadh gu lèir airson eaglais a thogail anns an aon làrach, agus chuir an còmhstri eadar Muslamaich agus Crìodaidhich stad air an obair. Rinn na h-Arabaich creach air a' bhaile ann an [[1368]], a fhuair droch bhuaidh air an eaglaise. Mu dheireadh thall mhair an gnothaich aig àm an [[Ath-bheòthachadh]] 164 bliadhna, bho [[1540]] gu ruige [[1724]]. 'S e Andrés de Vandelvira (Alcaraz [[1509]] - Jaén [[1575]]) an t-[[ailtire]] a fhuair a' bhuaidh a bu treasa air togail na h-eaglaise. Chaidh mòr-chuid na cathair-eaglaise a thogail ann an nòs gotach<ref>[http://www.unav.es/dpp/tecnologia/2006/44/ Catedral de Jaén, Macarena Guillén Peche, Universidad de Navarra]</ref>.
 
== Spòrs ==
Loidhne 72:
* Sebastián Martínez Domecel (Jaén [[1599]] - [[Madrid]] [[1667]]): Dealbhadair.
 
* Francisco de Viedma y Narváez (Jaén [[1737]] - Cochabamba [[Boilibhia]] [[1809]]): [[Maraiche]], taisgladair, [[Riaghladair]].
 
* Diego Coello de Portugal y Quesada (Jaén [[1820]] - [[An Ròimh]] [[1897]]) Tosgair, [[fear poileataigs]].
Loidhne 102:
* José Luís Carrasco Gámiz (Jaén [[1982]] -): Rothaireadair.
 
== Bailtean Co-cheangailte ==
* [[FileFaidhle:Flag of Italy.svg|22px]] Arezzo
 
== Ceanglaichean A-mach ==
Loidhne 130:
{{commons|Jaén}}
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Bailtean]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:An Spàinn]]
 
{{Link FA|es}}