An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Simón Bolívar"

Content deleted Content added
b WPCleaner v1.30 - DEFAULTSORT with blank at first position (Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia)
b Robot: es:Simón Bolívar is a good article; cosmetic changes
Loidhne 7:

[[FileFaidhle: Simón Bolívar 2.jpg|200px]]

Loidhne 13:

Dùthchannan

[[FileFaidhle:Flag of Venezuela.svg|22px]] [[A' Bheiniseala]]

[[FileFaidhle:Flag of Bolivia.svg|22px]] [[Boilibhia]]

[[FileFaidhle: Flag_of_the_Gran_Colombia_(1819-1820).svg |22px]] [[Coloimbia Mhòr]]

[[FileFaidhle:Flag of Peru.svg|22px]] [[Pearu]]

Loidhne 92:
B’e '''Simón Bolívar''' ([[IPA]]: si:mon bo:liβar, ainm fada: Simón José Antonio de la Santísima Trinidad Bolívar y Palacios Ponte y Blanco) [[saighdear]] agus fear-[[poileataigs]] às [[A' Bheiniseala]]. Rugadh e ann an [[Caracas]] air an [[24 an t-Iuchar|24mh]] latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[1783]] agus chaochail e ann an [[Santa Marta (baile)|Santa Marta]], ([[Poblachd Ghranada Ùire]]) air an [[17 an Dùbhlachd|17mh]] latha dhen [[Dùbhlachd|Dhùbhlachd]] [[1830]].<ref>[http://www.bolivarmo.com/history.htm Bolívarmo]</ref> Shaoraich e [[Aimearaga-Laideannach|Aimearaga Laideann]] agus chuir e ruaig air feachdan na [[An Spàinn|Spàinne]]. ‘S e a’ chiad ceann-suidhe [[Coloimbia|Choloimbia]] a bh’ ann.

== Teaghlach agus Foghlam ==
‘S e daoine chumhachdail bheairteach le freumhan ann an [[Dùthaich nam Basgach]] a bh’ ann a [[teaghlach|theaghlach]]. Fhuair iad an sloinneadh bhon a’ [[baile|bhaile]] bheag ris an canar [[Ziortza-Bolibar]], ann am Bizkaia. Ràinig iad A' Bheiniseala anns an [[16mh Linn]]. Bha oighreachdan mòra aca air feadh na [[Dùthaich|dùthcha]], tràillean agus mèinnean [[òr|òir]], [[Airgead|airgid]] agus [[copar|copair]] cuideachd. Cheannaich a sheannair tìotal uaisle ann an [[1728]].

‘S e cornailear a bh’ ann [[athair]], Juan Vicente Bolívar y Ponte. Bhuineadh a [[màthair|mhàthair]], María de la Concepción Palacios y Blanco, do theaghlach beairteach. Thogadh e ann an Caracas aig [[taigh]] Shimón Rodríguez, o chionns gun do bhàsaich athair nuair a bha Bolívar dìreach 2½ [[bliadhna]] a dh’aois, is a mhàthair nuair a bha e naoi. Bha e dlùth air Hipólita, tràill dhubh is i ga thogail an àite a phàrantan mairbh. Bha triùir peathraichean is bràthair na bu mhotha aige, Juan Vicente, María Antonia, Juana agus María del Carmen. Bhàsaich an tè mu dheireadh na leanabas. Thug Hipólita agus Simón Rodríguez buaidh mhòr air, is fhuair e na beachdan poiliteagach aige bhon fhear sin.

Fhuair e a chuid [[foghlam|fhoghlaim]] bho sreath dhe oidean is [[neach-teagaisg|tìdsearan]] ainmeil anns an dùthaich aige. Nuair a bha e 14 bliadhna a dh’aois chaidh e dhan sgoil saighdearachd ''Milicias de Veraguas''. Bha athair air a bhith os cionn na sgoile sin o chion fhada is dh’ionnsaich e mòran a chleachd e anns na [[Cogadh|cogaidhean]] is iomairtean a rinn e an aghaidh na Spàinne. Choilean e a chuid fhoghlaim le turas gus [[An Roinn Eòrpa]] is thill e dhachaidh ann an [[1807]].

Phòs e ri boireannach Spàinnteach, María Teresa del Toro y Alayza, ann an [[Madrid]] ann an [[1802]]. Chaochail i an ceann ochd mìosan anns A’Bheiniseal leis an fhiabhras bhuidhe.<ref>[http://www.sologenealogia.com/gen/getperson.php?personID=I7200&tree=001&PHPSESSID=40740888b43ebd9f142bbe2033032420 Solo Genealogia]</ref> Cha do phòs e ri tè neo tè a-rithist, ged an robh leanainn aige fad a bheatha, Manuela Saénz, boireannach beairteach à [[Quito]].<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/10504821 BBC]</ref>

== A’ Chiad Iomairt ==
Cha robh Bolívar idir an sàs anns a’ chiad iomairt an aghaidh na Spàinne anns A’ Bheiniseala ann an [[1809]] ach ghabh e pàirt ann am misean gu [[Lunnainn]] ann an [[1810]] còmhla ri reubaltaich eile is iad ag iarraidh air an [[Rìoghachd Aonaichte]] gun tugadh iad taic dhaibh.<ref>[http://ukinmexico.fco.gov.uk/es/about-us/online-exhibition-bolivar/bolivar-visits-london UK in Mexico]</ref> Rèitich e leis na daoine ann an [[Sasainn]] taobh mhalairt agus fiù’s choinnich e ris an Diùc Wellington.

Loidhne 110:
A’ dh’aindeoin sin, bha na daoine na aghaidh o chionns gu robh iad amharasach gur e dìreach gluasad daoine bheairteach nam bailtean a bh’ann na rinn e. Thug na llaneros, dròbhairean às an dùthaich is deagh shaighdearan cuideachd, an cuid taic dhan Spàinn is le sin chaidh e Caracas an an [[1814]]. Chuir na reubaltaich an greim e is iad dhen bheachd gu robh e na bu choireach. B’ fheudar do Bholìvar an dùthaich fhàgail a-rithist. Bha an Rìgh Fernando VII air ais os cionn an riaghaltais thall anns an Spàinn is Napoléon an greim ann an [[Elba]].<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/f/fernando_vii.htm Biografías y Vidas]</ref><ref>[http://www.history.com/this-day-in-history/napoleon-exiled-to-elba History.com]</ref> Le sin, chuir an Rìgh arm mòr air dòigh is chaidh na feachdan sin do dh’Aimearaga, far an do chuir iad ruaig air na reubaltaich.<ref>[http://www.efemeridesvenezolanas.com/html/boves.htm Efemeridades Venezolanas]</ref>

== Air Fògradh ==
Ràinig Bolívar [[Iaimeuca]] ann an [[1815]]. Sgrìobh e litir fosgailte is e ag iarraidh air an t-saoghal gu lèir gum beireadh taic dha na reubaltaich. Cha d’fhuair e taic ach bho [[Haiti]], poblachd bheag dhe seann thràillean. Chuir ceann-suidhe, [[Alexandre Pétion]] na dùthcha fàilte chridheil orrasan is taic airgid na lùib. Le sin, b’ urrainn dha na reubaltaich an iomairt aca a thoisich a-rithist. ‘S e Pétion fhèin a dhearbh do Bholívar gum bu choir dha saorsa a thoirt dha na tràillean air feadh [[Aimearaga-a-Deas]]. Thug e ionnsaigh air A’ Bheiniseala a-rithist ann an [[1816]]. B’ urrainn dha an t-[[Eilean]] Margarita a ghlacadh, is corra bailtean air oirthir [[An Roinn Charaibeach]] cuideachd. A’ dh’aindeoin sin chaill e an iomairt is thill e gu Haiti, fiù’s gun do shaoraich na tràillean a dh’aontaich iad an t-arm aige.

== Pearu ==
Ràinig e [[Pearu]] air a’ chiad latha dhen [[An t-Sultain|Shultain]] [[1823]]. Chuir an riaghaltas e os cionn na feachdan aca is nochd iomairt chruaidh an aghaidh Arm Righ na Spàinne. B’ fheudar dha na feachdan sin a’ sabaid shuas eadar na [[Beanntan na h-Andes]] agus ann an ceann a deas na dùthcha. Chaidh an ceann-suidhe Tagle a chur às an dreuchd agus thug an riaghaltas an dreuchd gu Bolívar. Leasaich e an t-arm is dh’aontaich e ne feachdan aige. Leis na h-atharrachaidhean sin, b’ urrainn dha na Pearuanaich an iomairt a bhuannachadh is cuir iad crìoch air buaidh na Spàinne anns an dùthaich aca air an 6mh latha dhen [[An Dùbhlachd|Dhùbhlachd]] [[1824]].

== Iomraidhean ==
<references/>

== Ceanglaichean A-mach ==
* El General en su laberinto, [[Gabriel José García Márquez]]
{{Template:Cinn-suidhe Choloimbia}}

{{DEFAULTSORT:Bolivar, Simon}}
[[Roinn-seòrsa:A' Bheiniseala]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Aimearaga-a-Deas]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Boilibhia]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Coloimbia]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Daoine]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Pearù]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Poileataigs]]

{{Link GA|es}}