An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bonn (a' Ghearmailt)"

Content deleted Content added
No edit summary
b Robot: eo:Bonn is a good article; cosmetic changes
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.bonn.de/ www.bonn.de]
}}
Tha '''Bonn''' na laighe mu 20 cilemeatair deas air [[Köln]] ann an [[Nordrhein-Westfalen]] air bruach abhainn [[Rhein]].
Eadar 1949 agus 1990 bha Bonn na [[prìomh-bhaile|phrìomh-bhaile]] na Gearmailt an Iar. B’ e cathair oifigeil riaghaltas na [[A' Ghearmailt|Gearmailt]] a bha ann gu 1998, gus an do dh’imrich an riaghaltas a [[Berlin|Bherlin]] ann an 1999. An uair sin thàinig mòran chompanaidhean agus ionadhan eadar-nàiseanta dhan bhaile, m.e.: ''IUCN Environmental Law Center'' agus 12 ionadh eile de [[na Dùthchannan Aonaichte]].
 
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 11 [[RC]], nuair a bha saighdearan Ròmanach a’ campadh air bruach na h-aibhne. Thàinig an t-ainm Bonn bho ''Bonna''<ref>Stefan Zimmer: Die Kelten, Mythos und Wirklichkeit, duilleag 205, Theiss Verlag ISBN 3-8062-1908-7</ref>, facal Ceilteach a tha a' ciallachadh "grunnd tioram" (''Dry grounds'').
 
S’ e àite-breith [[Ludwig van Beethoven]], neach-ciùil anmeil, a tha ann am Bonn. An diugh tha taigh-tasgaidh ann, far an do rughadh e.
 
== Eachdraidh ==
Thog na seann Ròmanaich [[drochaid]] air an Rhein mu [[10]] RC faisg air àite ris an canadh ''Bonna''.<ref>[http://www.livius.org/ga-gh/germania/bonna.html Livius]</ref> Thathar dhen bheachd gur e tuineachadh nan [[Ceilteach]] a bh’ ann ro làimh is gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh baile sa [[Cànan|chànan]] aca. Chaidh daingeach Ròmanach a chruthachadh airson mu 7,000 saighdear a chumail an seo ann an [[9]],<ref>[http://tribus.bonn.de/roemlag/sach/rl.htm Tribus Bonn]</ref> an dèidh Cath Choille Theutoburg. Dh’ fhàs baile mu thimcheall an daingich air an robh Castra Bonnensia (Caisteal Bhonn anns an [[Laideann]], is ‘s e àite cudromach dìona air crìoch na h-ìompaireachd a bh’ ann.<ref>[http://www.dw-world.de/dw/article/0,,2143358,00.html Deutche Welle]</ref>
 
‘S e làrach cràbhach ri linn Iompaireachd [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] a bha ann am Bonn. Bha am baile am broinn nan sgìrean a bha fo bhuaidh nan [[easbaig]]-prionnsa-taghadair à [[Köln]] bhon [[8mh Linn]] gu ruige deireadh na [[13mh Linn]] is bha iad a’ fuireach an seo cuideachd. Mar dhìleab nan làithean spaideil sin, tha am baile làn toglaichean ann an stoidhle baroc,<ref>[http://larocheusa.org/Duren.htm Larocheusa]</ref> mar eisimpleir oifisean an Oilthigh agus Lùchairt Phoppelsdorf, a bharrachd air taighean mòra bho dheireadh na [[19mh Linn]] agus feadhainn eile ann an stoidhle art nouveau. Cha b’urrainn dhan [[Ath-Leasachadh]] càil a dheànamh an seo leis cho làidir ‘s a bha an [[Eaglais Chaitligeach]] ann am Bonn.<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World 66]</ref> Bha athair [[Ludwig van Beethoven]] ([[1770]] – [[1827]]) na òrganaiche fon phrionnsa-taghadair mu dheireadh ann am Bonn. <ref>[http://www.alemania.net/bonn-la-ciudad-de-ludwig-van-beethoven/ Alemania]</ref> Anns an [[19mh Linn]], an dèidh mì-bhuaidh Napoléon,<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World66]</ref> ghabh [[A’ Phrùis|Rìoghachd na Prùise]] sealbh air Bonn. <ref>[http://www.bbgerman.com/german-cities-bonn.html BB German]</ref>
 
Ghabh saighdearan à [[Canada]], [[Sasainn]] agus às [[An Fhraing]] sealbh air Bonn an dèidh a chèile bho chrìoch [[An Cogadh Mòr|a’ Chogaidh Mhòir]] gu ruige [[1926]]. <ref>[http://www.britishpathe.com/record.php?id=81060 Pathé]</ref> Ri linn an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] bha mu 1,000 duine, gu h-àraid [[Iùdhachd|Iùdhaich]], nan ìobairtean nan Nàsach. Chaidh 8,000 eile a thoirt air falbh gu campaichean-bàis neo a sgapadh thall thairis. Ann an [[1945]] b' iad na Sasannaich a ghabh sealbh air a’ bhaile.
 
Chaidh Bonn a thaghadh mar [[Prìomh-bhaile|phrìomh-bhaile]] ùr na [[dùthaich|dùthcha]] (an àite [[Frankfurt]]) an dèidh a’ chogaidh, oir chaidh an dùthaich a sgaradh ann an dà stàit is bha [[Berlin]] air a mhilleadh. Le sin, ‘s e prìomh-bhaile Poblachd Feadarail na Gearmailte bho [[1949]] gu ruige [[1990]], nuair a thaghadh Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist, mar thoradh Aonadh na Gearmailte. Chaidh pàrlamaid na Gearmailt agus pàirten den Riaghaltas a ghluasad air ais a Bherlin ann an [[1999]].<ref>[http://www.buzer.de/gesetz/2318/a32482.htm Buzer]</ref>
 
A dh’aindeoin nach e prìomh-bhaile na dùthcha a th’ ann am Bonn nas motha, tha am baile air blas polataigeach dioplòmasach a chumail fhathast. Thathar a’ cumail gnothaichean na NA ann am Bonn, chaidh Comhairle na [[Roinn Eòrpa]] a chumail an seo ann an [[1999]] fad cinneas na Gearmailte air an Roinn Eòrpa. A bharrachd air sin, thachair trì co-labhairtean cudromach ann am Bonn taobh càirdeis pholataigich agus marsanta còmhla ri [[An t-Seapan]], [[Canada]] agus na [[Stàitean Aonaichte]].
 
== Daoine Ainmeil ==
* [[Ludwig van Beethoven]]: [[1770]] – [[1827]] Ceòladair.
* [[Friedrich August Kekulé von Stradonitz]]: [[1829]] – [[1896]]. [[Ceimeagair]].
* Walter Gotell: [[1926]] – [[1997]] [[Actair]].
* Thomas de Mazière: [[1954]] -) Fear-poiliteags.
 
== Bailtean Co-cheangailte ==
* [[FileFaidhle:Flag of England.svg|22px]] [[Àth nan Damh]]
* [[FileFaidhle:Flag of Ireland.svg|22px]] [[Beul-Feirste]]
* [[FileFaidhle:Flag of Hungary.svg|22px]] [[Budapest]], sgìre Budafok
* [[FileFaidhle:Flag of Bolivia.svg|22px]] [[La Paz]]
* [[FileFaidhle:Flag of Poland.svg|22px]] Opole
* [[FileFaidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Potsdam]]<ref>[http://www.potsdam.de/cms/ziel/27222/DE/ Stadt Potsdam]</ref>
* [[FileFaidhle:Flag of Israel.svg|22px]] [[Tel Aviv]]<ref>[http://berlin.mfa.gov.il/mfm/web/main/document.asp?SubjectID=9030&MissionID=88&LanguageID=190&StatusID=0&DocumentID=-1 Riaghaltas Iosrael]</ref>
 
== Gallaraidh ==
Loidhne 60:
== Iomraidhean ==
<references/>
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:A' Ghearmailt]]
[[Category:Bailtean]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Bailtean anns A' Ghearmailt]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean anns A' Ghearmailt]]
 
{{Link FA|bs}}
{{Link FA|de}}
{{Link FA|tr}}
{{Link GA|eo}}