An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lios Mòr"

Content deleted Content added
bNo edit summary
b Robot: en:Lismore, Scotland is a good article; cosmetic changes
Loidhne 1:
[[FileFaidhle:Lismore Island.jpg|thumb|Sealladh air Lios Mòr agus na beanntain Kingairloch]]
[[ImageFaidhle:Achadun Castle.jpg|thumb|Caisteal Achanduin ann an Lios Mòr]]
[[FileFaidhle:CastleCoeffinLismore-ARuinedMacDougallStronghold(ColinSmith)Aug1995.jpg|thumb|Caisteal Choeffin ann an 1995]]
'S e aon de [[na h-Eileanan a-staigh]] a tha ann an '''Lios Mòr''' ([[IPA]]: [ʎis̪ moːɾ]) Tha e suidhichte san àird an iar na h-[[Alba]]. Tha e san àird an earra-thuath [[Muile|Mhuile]] ann [[an Loch Dubh]]. Bha an t-eilean aig an t-Siorrachd tradaiseanta [[Earra-Ghaidheal]]; a-nise tha e fo smachd Comhairle [[ Earra-Ghaidheal agus Bòd]].
 
Tha Lios Mòr 12 cilemeatair a dh’fhad agus 2 cilemeatair a leud le 5,809 acair ceàrnagach de mheud. 'S e [[Achadh na Croise]] am baile as motha.
'S e Barr Mòr (127 meatair; 416.7 troigh) a’ bheinn as àirde anns an eilean. Tha [[Taigh-solais]] Lios Mhòir suidhichte ann an [[Eilean Musdile]] san àirde an iar deas Lios Mhòir. Chaidh an taigh-solais a thogail le [[Robert Stevenson]].
Tha broch Cruithneach faisg air Tirfuir, tha na ballaichean aige cho àrd ri 15 troighean agus cho tiugh ri 19 troighean. Cuideachd tha dà chaisteal às an 13mh linn ann, Caisteal Choeffin agus Caisteal Achanduin.
 
Anns a’ bhliadhna 2001 bha 146 duine a' fuireach ann. <ref>{{cite web| url=http://www.scottish-islands-federation.co.uk/population.htm| title=Scotland's Island Populations| publisher=Scottish Islands Federation| accessdate=2008-11-01}}</ref>
Tha dìreach aon bhùth ann, far a bheil oifis a' phuist cuideachd.
Tha [[bun-sgoil]] ann an Lios Mòr ach airson àrd-sgoil feumaidh a' chlann a dhol don [[Oban]].
 
Tha Lios Mòr ceangailte le Tìr mòr na h-Alba le dà aiseag. Tha an t-aiseag airson chàraichean a’ ruith don [[Oban]], agus aiseag airson daoine a-mhàin eadar ceann a tuath na h-eilean agus [[Port Appin]].
 
B' àbhaist do Lios Mòr a bhith na teis-mheadhan [[Crìosdaidheachd]]. Bha manachainn ann a chaidh a chuir air bonn le Naomh Moluag, (530 - 592), manach à [[Èirinn]] co-aoiseach le [[Calum Cille]]. Anns na [[Meadhan-Aoisean]] bhiodh easbaigean [[Earra-Ghaidheal]] a’ fuireach ann an Caisteal Achanduin gus an 16mh linn.
 
== Iomraidhean ==
<references/>
 
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://www.isleoflismore.com/ Duilleag oifigeil an eilein]
* [http://www.celm.org.uk/ Comann Eachdraidh Lios Mòr]
* {{gbmapping|NM 840 408}}
 
{{Template:Na h-Eileanan a-staigh}}
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Eileanan a-staigh]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Earra-Ghaidheal agus Bòd]]
 
{{Link GA|en}}