An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Dàrna Cogadh"

Content deleted Content added
ceangal ùr
b Robot: de:Zweiter Weltkrieg is a good article; cosmetic changes
Loidhne 9:
|-
|}
'S e cogadh mòr a bha anns '''An Dàrna Cogadh''', eadar 1939 agus 1945 eadar dùthchannan [[An Caidreachas|a' Chaidreachais]] is [[a' Ghearmailt]], [[An Eadailt]] agus [[Iapan]]. 'S e an cogadh a bu sgriosaile a thachair ann an eachdraidh an t-saoghail. Chaill còrr is 60,000,000 am beatha 's cha robh ceàrn an t-saoghail nach do dh'fhairich a bhuaidh. Bha feachdan an [[Faisisteachas|Fhaisisteachais]], an [[Deamocrasaidh]] agus an [[Co-mhaoineas]] a' sabaid ri chèile sa [[Cogadh|chogadh]].
 
=== An Cùmhnant Munich ===
29mh an t-Sultain, 1938, chuir [[Neville Chamberlain]] (A' Bhreatann Mhòr), Édouard Daladier ([[An Fhraing]]), [[Adolf Hitler]] [[A' Ghearmailt|(A' Ghearmailt]]) is [[Benito Mussolini]] ([[An Eadailt]]) An Cùmhnant Munich (Seicis: Mnichovská dohoda; Beurla: Munich Agreement) air bhonn. A rèir An Cùmhnant Munich, dh'fhuair Adolf Hitler sgìrean faisg air na crìochan far a bheil sluagh Ghearmailtrach a' fuireach, Sudetenland, bhon t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia).
 
[[Faidhle:Ebensee concentration camp prisoners 1945.jpg|thumb|right|Na prìosanaich tinne leis an acras ann am camp-braighdeanais Ebensee]]
 
=== [[Uile-losgadh]] ===
Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is murt den [[Iùdhachd|Iùdhaich]] Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh [[Adolf Hitler]] air a' chuspair sin san leabhar leis - ''Mo Chath Fhein'' (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san [[Chiad Cogadh t-Saoghal|Chiad Cogadh]]. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.
 
Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na [[Roinn-Eòrpa]], mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia), Mauthausen anns An Ostair agus Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Ravensbrück is Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.
 
== An Dàrna Cogadh ann an litreachas ==
 
=== Litreachas Gàidhlig ===
 
==== Rosg Gàidhlig ====
* [[Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill]].'' [[Fo Sgàil a’ Swastika]].'' [[Steòrnabhagh]]: [[Acair Earranta]], 2000. Eachdraidh-beatha an saighdeir.
* [[Anndra A. Dunn]]. ''Còisir nan Gunna''. [[Steòrnabhagh]]: [[Acair Earranta]], 2013. An nobhail.
 
==== Bàrdachd Ghàidhlig ====
* [[Somhairle MacGill-Eain]]. "Latha Foghair"; "Glac a' Bhàis"; "Gluaisibh gu Deas"; "Curaidhean"; "Alasdair MacLeòid"; "Dol an Iar"
 
=== Litreachas Aimeireaganach ===
* [[William Styron]].'' Sophie's Choice''.
* [[Joseph Heller]]. ''Catch 22''.
* [[Anthony Hecht]]. "Rites and Cereminies", [http://www.poetryfoundation.org/poem/179058 "More Light! More Light!"]
 
=== Litreachas Pòlainneach ===
* [[Jerzy Kosiński]]. ''The Painted Bird''.
* [[Władysław Szpilman]]. ''The Pianist''.
 
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://gaidhlig.educationscotland.gov.uk/scotlandshistory/20thand21stcenturies/worldwarII/index.asp Education Scotland: Eachdraidh na h-Alba: An Dara Cogadh]
* [http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/radio/strigusith/ BBC Alba: Strì gu Sìth 1939 - 1945: làrach-lin Ghàidhlig mu An Dàrna Cogadh]
* [http://www.sorleymaclean.org/bardachd2/blar.htm Bàrdachd mu An Dàrna Cogadh le Somhairle MacGill-Eain air loidhne]
== Faic cuideachd ==
* [[Carme Ballester i Llasat]]
 
[[Roinn-seòrsa:An Dàrna Cogadh|*]]
Loidhne 66:
{{Link FA|sr}}
{{Link FA|vi}}
{{Link GA|de}}