An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Matamataig"

Content deleted Content added
No edit summary
b Robot: de:Mathematik is a good article; cosmetic changes
Loidhne 2:
'S e '''matamataig''' an t-eòlas a tha togte air bun-bheachdan a' mheud, an structair, an fhànais agus a' chaochlaidh, agus an sgoilearachd nan lùib. 'S e rannsachadh nam bun-bheachdan seo agus nan ceanglaichean eatorra a tha obair mhatamataichean. Thathar a' dèanamh feum de reasanachadh rianais gus co-dhùnaidhean a chur còmhla agus [[baralachas]]an ùra a dheasachadh 's a dhearbhadh.
 
== Matamataig agus na Saidheansan ==
Tha dlùth-cheangal eadar matamataig agus na [[saidheans]]an – gu h-àraidh [[fiosaig]] – ged tha aig cuid nach eil saidheans ach [[ealain]] a th'ann. Is cinnteach gu bheil gnè inntleachdail aig matamataig. Tha matamataichean a' dèiligeadh ri nithean easchruthach air an sgàth fhèin. 'S e bòidhchead agus eireachdas a' cho-dhùnaidh a tha cudromach a bheil brìgh aige anns an t-[[saoghal]] a-muigh no nach eil. Faodaidh e bhith, ach tha e soilleir gur e a' phongalachd agus an rianas à matamataig a tha aig a' bhun-stèidh iomadh saidheans. 'S ann à seo a chaidh a h-ainmeachadh "banrigh nan saidheansan". Aig an aon àm 's ann às na saidheansan a thàinig iomadh ceist mhatamataigeach agus, a bharrachd air sin, meuran ùra dha.
 
== Eachdraidh ==
[[Faidhle:Gregor Reisch, Margarita Philosophica, 1508 (1230x1615).png|thumb|right|Margarita Philosophica, Gregor Reisch (1508)]]
Dh'fhàs am matamataig bhon [[cunntas|chunntadh]], an [[tomhas]], agus a' bheachdachadh air [[cumadh]], [[cruth]] agus gluasad nithean. Bha e riatanach anns a' [[malairt|mhalairt]], an [[ailtireachd]], a' [[ceòl|cheòl]], [[reul-eòlas]] agus dealbhadh nan [[uidheam-cogaidh]]. Tha leasachaidhean nan smuaintean tùsail am follais anns na sgrìobhaidhean àrsaidh bhon [[An Eiphit|Èipheit]], [[Measophotaim]] agus [[na h-Innseachan]] ach b' e na Sean-Greugaich a thug a' phongalachd ris. Bhon linn sin thàinig ach piseach bheag anns an [[Roinn-Eòrpa]] gus an [[16mh Linn]]. Nuair sin, rè Linn an [[Ath-bheothachadh|Ath-bheothachaidh]], thòisich leudachadh mòr luath a mhaireas an diugh. Chan eil ach beag nar latha an diugh aig nach eil matamataig san teis-meadhan agus tha matamataig a' cheart cho riatanach dhuinne 's a bha e dar sinnsirean. Agus thàinig seo uile bhon tuigse gu bheil riaghailtean cunntadh na pònarach iomchaidh do chunntadh an [[airgead-sgaoilidh|airgid]] no do chunntadh an rud sam bith eile. 'S ann leis a' chunntadh fhèin a tha na riaghailtean seo. Anns an aon dòigh tha riaghailtean le cumaidhean, le cruthan agus le caochladh – nithean uile a tha easchruthach.
Loidhne 28:
{{Link FA|mk}}
{{Link FA|vo}}
{{Link GA|de}}