An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Ath-Leasachadh"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 92 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q12562 (translate me)
b Robot: be-x-old:Рэфармацыя is a good article; cosmetic changes
Loidhne 1:
[[FileFaidhle:Luther_with_tonsure.gif|thumb|right|Màrtainn Lùtair (Martin Luther)]]
 
B’ e '''an t-Ath-Leasachadh''' (Sa [[Bheurla]] an "Reformation" ) an t-àm nuair a chaidh beachdan agus teagasg nan [[eaglais]]ean [[Pròsdanachas|Pròstanach]] a stèidheachadh agus iad a briseadh air falbh bhon an eaglais [[Caitligeach|Chaitligich]]. Thòisich an gluasad Pròstanach le daoine ag iarraidh atharraichean fhaicinn anns an [[Eaglais Caitligeach|Eaglais Chaitligich]] ann an taobh an Iar na [[Roinn Eòrpa]]. Thòisich an t-Ath Leasachadh ann an [[Sagsainn-Anhalt]] le [[Martin Luther|Màrtainn Lùtair]] agus 95 argamaidean a chuir e air adhart ris an eaglais ann an cruth billeag-iarrtas a chaidh a stopadh air doras Eaglais a' Chaisteil ann am [[Wittenberg]] aig deireadh an [[Dàmhair]] sa bhliadhna [[1517]].
Loidhne 16:
=== Suidheachadh am broinn na h-eaglaise ===
Bha an t-eagal air na daoine abhaisteach ro na ministearan agus na [[Peanas (creideamh)|peanasan]] aca. Ach aig an aon àm chaidh a’ mhoraltachd anns an eaglais sìos. M. e. B’ urrainn do na h-easbaigean an dreuchd aca a cheannachd, neo fhuair iad i tro dhìleab. Mar sin bha feum aca ri [[airgead]] fhaighinn airson an doigh beatha comhfhurtail a chumail an àite cuideachadh a thoirt do na daoine bochda. Mar sin bha sunnd aig na daoine an aghaidh na h-eaglaise.
[[FileFaidhle:Arcimboldus,_aflatsbref,_Nordisk_familjebok.png|thumb|right|Litir-logadh]]
Bha feum aig a’ [[Pàp|Phàpa]] air airgead fhaighinn cuideachd airson àrd-eaglais [[An Ròimh|na Ròimhe]] ùr a thogail. Mar sin dh’ fhàs a’ mhalairt le litrichean-loghadh uabhasach cudthromach: B’ urrainnear litir-loghadh a cheannachd airson mathanas fhaighean airson nam mearachdan a rinneadh. Bha ministearan a’ siubhal air feadh na dùthcha gan reic. Dh’fhàs iad ainmeil tron t-sanas: Ma bhios an t-airgead a’ gliogadaich anns a’ bhocsa, bidh an t-anam a’ leum às a’ phurgadair.
 
== Bun-bheachdan Mhàrtainn Lùtair ==
[[FileFaidhle:95Thesen.jpg|thumb|right|na 95 argamaidean Lùtair]]
B’ e sin an t-àm far an do sgrìobh [[Martin Luther|Màrtainn Lùtair]] na 95 argamaidean mar deasbad [[diadhaireachd]]. Seo na bun-beachdan a bha aige:
* '''sola scriptura''': 'S e am [[Bìoball]] a-mhàin bonn a’ chreideimh [[Iosa Chrìosd|Crìosdail]].
* '''solus Christus''': Tha an cùmhachd os cionn na luchd creideamh aig [[Dia]] a-mhàin.
* '''sola gratia''': Tro thròcairean Dhè a-mhàin bidh na daoine sàbhailte.
* '''sola fide''': Bidh na daoine barrantach tron [[creideamh|chreideamh]] a-mhàin.
 
Loidhne 40:
Mu dheireadh thall bha Council of Trent ([[1546]]-[[1563]]) anns an eaglais Chaitligich, le atharrachaidhean am broinn na h-eaglaise. Ach bha e ro fhadalach. Bhon uair sin bha eaglais Chaitligeach agus eaglais Phròstanach ann. B’ e sin an t-àm, nuair a chaill an eaglais an cùmhachd air an luchd-creideamh. Thòisich na stàitean air an eaglais fhàgal.
 
[[CategoryRoinn-seòrsa:Eachdraidh|Ath-Leasachadh]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Creideamh|Ath-Leasachadh]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:A' Ghearmailt]]
[[CategoryRoinn-seòrsa:Crìosdaidheachd]]
 
{{Link FA|pt}}
{{Link FA|vi}}
{{Link GA|be-x-old}}