An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Ruadh Phàislig"

Chaidh 8 baidhtichean a chur ris ,  6 bhliadhnaichean air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b
b
Thàinig air Dòmhnall an sgoil fhàgail air ceithir bliadhna deug ach tha e coltach gur e duine tùrail a bh' ann a rinn deagh fheum do na bh' aige de sgoil agus cuideachd don [[beul-aithris|bheul-aithris]] a bha pailt anns a' choimhearsnachd agus gu sònraichte air bilean a mhàthar. Tha e a' nochdadh ann an cunntasan sgrìobhte Cùirt nan Con ann an [[Loch nam Madadh]] nuair nach eil e ach mu fhichead bliadhna a dh'aois agus e a' riochdachadh [[croitearachd|chroitearan]] Uibhist a Deas an aghaidh na Bean-uasal Gordon Cathcart 's i a' feuchainn toirt orra teisteanas a bhith aca mus fhaodadh iad coin a chumail. 'S ann le Dòmhnall agus na croitearan a chaidh an latha agus rinn e dàn mar chuimhneachan air a' chùis.
 
'S e pìobaire ioma-phuirt a bh' ann an Dòmhnall. Bha e na [[clachaireachd|chlachair]] agus na [[iasgach|iasgair]] ann an Uibhist agus bha e greis ag obair air loidhnichean-fòin a chur a-staigh. Na òige ghabh e don arm mar phìobaire ann an [[Rèisimeid nan Camshronach]]. Bha e air an arm fhàgail ron [[An Cogadh Mòr|a' Chogadh Mhòr]] ach chaidh e don Fhraing mar phìobaire nan Camshronach. Mu dheireadh thog e a chasan leis a thìr mòr far an do phòs e Màiri NicIllFhaolain, a bha cuideachd à Uibhist a-Deas ann an 1930. Bha ceathrar chloinne agus 's e dachaigh làn Gàidhlig a bh' aca ann am [[Pàislig]], far an do rinn Dòmhnall deagh chuid de na h-òrain aige. Bha iomadach cuspair fa-near dha, eadar beatha ann an Uibhist agus ann an [[Glaschu]] agus nas fhaide air falbh.
 
Bha Dòmhnall air a chrùnadh mar Bhàrd [[An Comunn Gàidhealach|a' Chomuinn Ghàidhealaich]] ann an 1938 agus bha a' bhàrdachd aige air a foillseachadh leis a' [[Scottish Gaelic Texts Society]] ann an 1968. Tha e air a thìodhlaigeadh ann an Cladh Hawkhead ann am [[Pàislig]].
 
==Ceanglaichean a-muigh==
243

deasachadh