An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Content deleted Content added
b Sgeul-beatha, ceanglaichean
Loidhne 3:
Rugadh '''Alasdair MacMhaighstir Alasdair''', no Alasdair MacDhòmhnaill (c.1690 - c.1770), ann an [[Àird nam Murchan]], far an robh athair na mhinistear. Bhuineadh an teaghlach do [[Uibhist_a_Deas|dh'Uibhist a-Deas]] agus bha ceanglaichean làidir aca ri [[Clann Raghnaill]].
 
== Sgeul-beatha ==
A rèir [[beul-aithris]] 's ann bho athair a fhuair Alasdair a chuid oideachaidh anns a' chiad dol a-mach agus chaidh e an uair sin gu [[Oilthigh Ghlaschu]], ged nach eil seo ga dhearbhadh ann am pàipearan an Oilthigh. Tha beul-aithris cuideachd a' cumail a-mach nach tug e a-mach ceum aig deireadh an latha ach gun do dh'fhàg e an oilthigh a phòsadh Sìne Dhòmhnallach à [[Gleann Eite]]. Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an [[SSPCK]] (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an [[Eilean Fhìonain]], faisg air far a bheil [[An_Gearasdan|an Gearastan]] an-diugh.
 
Ann an 1738 bha Alasdair a' teagasg ann an Cille Chomhghain agus ann an 1739 ann an Coire Mhuilinn, far an do rinn e an dàn ainmeil aige, '[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/alasdair_mma/bardachd/#analysis_links_patch Allt an t-Siùcair]'. Ann an 1741 dh'fhoillsich e [[faclairean Gàidhlig|faclair Gàidhlig]], a' chiad leabhar clò-bhuailte a nochd bho thùs ann an [[Gàidhlig]] na h-Alba a-riamh.
 
=== Bhliadhna Theàrlaich ===
Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air [[Gleann FhìonainFhionghain]] far an do chuir [[Teàrlach_Eideard_Stiùbhairt|Teàrlach Òg Stiùbhairt]] a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri [[Eaglais Chaitligeach|Eaglais na Ròimhe]] agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Òig, [[Mac Mhic Ailein]]. Rinn e tòrr òran brosnachaidh [[na Seumasaich|Seumasach]] mun àm seo, leithid 'Òran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', '[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/alasdair_mma/bardachd/index2.shtml#analysis_links_patch Òran don Phrionnsa Teàrlach] ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus [[aoir]] air luchd-taice Rìghrean [[Taigh Rìoghail Hanobhair|Hanòbhair]]. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh [[Blàr_Chùil_Lodair|Bhlàr Chùil-Lodair]] ag innse stòiridh [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart#Bliadhna a' Phrionnsa|Bhliadhna Theàrlaich]] tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.
 
As dèidh [[Blàr Chùil Lodair|Bhlàr Chùil- Lodair]] bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air [[baile fearainn]] aig Eigneig ann am [[Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.
 
Dh'fhoillsich Alasdair a bhàrdachd fon tiotal ''Aiseirigh na Seann Chanoin Albannaich'' ann an 1751. Bha iomadach diofar stoidhle na chomas, bho òrain-ghaoil bhlàth leithid '[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/alasdair_mma/bardachd/index3.shtml#analysis_links_patch Moladh Mòraig]' gu bàrdachd mionaideach mu nàdar leithid 'An Samhradh' agus 'An Geamhradh'. Sgrìobhadh e aoir ghoirid sgaiteach a cheart cho math ri dàin mhòra ghaisgeil leithid 'Bìrlinn Chlann Raghnaill'.
 
Bhàsaich Alasdair ann an Sanndaig ann an Àrasaig agus tha e air a thìodhlaigeadh ann an seann chladh Chille Mhuire an sin.
 
=== Sgrìobhaidhean mu a dheidhinndhèidhinn ===
Tha cunntas air beatha Alasdair na òige ri fhaighinn anns an leabhar aig [[Raghnall Mac Ille Dhuibh|Raghnall MacIlleDhuibh]] ''Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: The Ardnamurchan Years'' (Coll, 1986).<br>
Tha fiosrachadh mun bhàrdachd aige ann an ''An Introduction to Gaelic Poetry'' le [[Ruaraidh MacThòmais]] (Dùn Èideann, 1990) agus ann an ''Gaelic Poetry in the Eighteenth Century'', leis an aon ùghdar (Obar Dheathain, 1993).<br>
Tha a' mhòr-chuid de bhàrdachd air a cruinneachadh ann an ''The Poems of Alexander MacDonald'', deasaichte le MacDhòmhnaill agus MacDhòmhnaill (Inbhir Nis, 1924).
 
===Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn ===
* Campbell, John Lorne, 'Alasdair mac Mhaighstir Alasdair: portrait of a traditionalist', ''Scots Magazine'' October 1935, dd.61-76.
* Black, Ronald ''Mac Mhaighstir Alasdair: The Ardnamurchan Years'' Coll: Society of West Highland & Island Historical Research, 1986.