An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Königswinter"

Content deleted Content added
Loidhne 26:
==Cultar==
==Eaconomaidh==
Is e baile turasachd a tha ann an Königswinter. On a chaidh na ciad Sasannaich beartach air an "Grand Tour" suas an Rhein don bhaile, chaidh bun-structar turasachd a leudachadh, thogadh taighean-òsta, taighean-bìdh agus chaidh treinn-beinne gu mullach dà bheinn, am Petersberg agus an Drachenfels fhosgladh ann an 1883. Bidh na bàtaichean mòra turasachd a' tadhail air Königswinter, an cuid as motha às an Òlaind air an turas don Eilbheis.
Tha an t-slighe-choiseachd Rheinsteig a' dol tron Siebengebirge (na seachd beanntan), slighe a thòisicheas ann am Bonn agus a tha a' ruith gu ruige Wiesbaden.
 
Tha factoraidhean mòra ann an Königswinter: Hayes-Lemmerz anns a' bhaile fhèin agus Dinova ann an Oberdollendorf ach tha an cuid as motha de mhinntir a' bhaile ag obair ann am Bonn agus Köln.
Tha fìon a' fàs air bruachan an Siebengebirge.