An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Michael Klevenhaus"

Content deleted Content added
leasachadh, fiosrachadh ùr, ceartachadh litreachaidh, sgioblachadh
No edit summary
Loidhne 3:
'S e ceum ann an cruinn-eòlas agus eachdraidh a thug e a-mach aig [[Oilthigh Bonn]] an toiseach ach thòisich e air dràma an uairsin leis a' Comedia Colonia.<ref name=6Tage/> agus companaidhean-dràma eile air feadh na Gearmailt. B' esan a' chiad Ghearmailteach a thug a-mach ceum maighistireachd ( MA Cultar dùthchasach agus an àrainneachd) aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] ann an 2008 agus bha e an sàs saoghal is iomairtean na Gàidhlig gu mòr a-mach on àm sin, a' gabhail a-steach obair san t-sreath [[Eòrpa (sreath)|Eòrpa]], Ionad na Gàidhlig a stèidhich e ann am Bonn ann an 2002, iomairt [[FILMALBA]] o 2003 agus a' chiad opara sa Ghàidhlig, [[Hiort - MacTalla nan Eun]] ann an 2007.<ref name=6Tage/> Cluinnear e gu math tric air [[Radio nan Gàidheal]] agus chithear e o àm gu àm air [[BBC Alba]] fhathast cuideachd, mar eisimpleir ann am prògram nan [[Na Gàidheileamailtich|Gàidheileamailteach]].<ref name=mg2>[http://www.mgalba.com/en/features/archive/german-gaels.html MG Alba - German Gaels]</ref>
 
Thòisich e air teagasg na [[Gàidhlig]] ann am Bonn còmhla ri Crìsdean Dillon, nach maireann, ann an 1998.<ref name=KW/> Chuir e Ionad na Gàidhlig agus a Cultair sa' Ghearmailt air bhonn ann an 2002 far a bheil e fhèin a' teagasg Gàidhlig ann an clasaichean deireadh-seachdaineil agus clasaichean-oidhche. Ann an 2005 chaidh an sgoil-gheamhraidh Storas-Òran a chuir air bhonn, a tha a' tabhann clasaichean Gàidhlig, ciùil, cànain is dannsa thradaiseanta Ghàidhealach is Ghearmailteach.
 
Tha cùmhnant-teagaisg aige ann an Roinn na Ceiltis, Oilthigh Bhonn far a bheil e a' teagasg Gàidhlig agus Eachdraidh cànan, litreachadh is cultar na Gàidhlig agus bidh e a' teagasg gu cunbhallach aig na cùrsaichean goirid aig [[Sabhal Mòr Ostaig]].
 
Dh'fhoillsich e grunn leabhraichean, nam measg Kauderwelsch Schottisch-Gälisch ann an 2004, leabhair-iùil na Gàidhlig do luchd-turais agus Lehrbuch der Schottisch-gälischen Sprache ann an 2009 - a' chiad leabhar-teagaisg na Gàidhlig ann an Gearmailtis riamh.<ref name="6Tage" />
 
Sgrìobh e sgeulachdan goirid sa' Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an cruinneachaidhean sgeulachdan goirid fon iomairt Ùr-Sgeul.
Loidhne 21:
==Ceanglaichean dhan taobh a-muigh==
* [http://www.schottisch-gaelisch.de/Start_-_Dachaigh.html Ionad na Gàidhlig agus a Cultair anns a' Ghearmailt]
* [http://www.filmalba.de filmalba]
* [http://www.storas-oran.de storas-oran]
 
==Tùsan==