An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Màiri I, Bànrigh na h-Alba"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 54 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q131412 (translate me)
No edit summary
Loidhne 32:
Bha '''Màiri Stiùbhart''' na bhoireannach àilleasach, tarraingeach do dh'fhir agus, gu ìre, gu math geur-chuiseach. Ach fhuair i an driod-fhortan a bhith a' riaghladh ann an dùthaich far am faigheadh am fear a bu thapaidh tàire riaghlaidh, agus lean aimhreit is còmhstri i fad a làithean.<br /><br />
Cha robh i ach sia làithean a dh'aois nuair a chaochail a h-athair, [[Seumas V Alba|Seumas V]], le cridhe briste bhathas ag ràdh às dèidh iomruagadh nan Albannach aig Blàr ''Solway Moss''. Cha robh i ach còig bliadhna a dh'aois nuair a chaill na h-Albannaich Blàr aibhiseach ''Pinkie'' an aghaidh Arm Shasainn, agus bha aice ri tèicheadh dhan Fhraing far an deach a pòsadh ris an ''Dauphin'', Francois; ach chaochail esan òg, na rìgh airson beagan còrr is bliadhna.<br /><br />
Ann an [[1561]] thill Màiri a dh'Alba, dùthaich a bha mun àm sin ga reubadh eadar Caitligich (an creud san do thogadh Màiri fhèin) agus [[Pròsdanachas|Pròstanaich]], le [[Iain Knox]] aig an ceann. 'S e suidheachadh a bha seo a bhiodh glè dhuilich do riaghladair sam bith. Ach bha cùisean na bu mhiosa builich do Mhàiri, a chionn 's gun robh [[Ealasaid I Shasainn]] a' sìor-chur bacadh oirre agus i gu math amharasach mun tagairt a bh' aig Màiri do chrùn Shasainn. Chuir i seachad oidhche mu dheireadh ann an Alba san [[Abaid]] ann an [[Dùn Droighnein]].
 
==Iomridhean==
<references/>
 
[[Faidhle:Mary,_Queen_of_Scots_after_Nicholas_Hilliard.jpg|left|300px|thumb|Màiri Stiùbhart mar a bha i mu 1578]]