'S e am '''Pàpa''' an stoidhle a tha air [[easbaigEasbaig]] [[an Ròimh|na Ròimhe]], agus ceannard den [[eaglaisEaglais]] [[Eaglais Caitligeach|Caitligeach]]. Is aithne don eaglaisEaglais Chaitligeachd trì rang den mhinisdearachd òrdanaichte, neo sagartachd. 'S iad, deacon, [[sagart]] agus easbaig. 'S e easbaig an rang as àirde den sagartachd. 'S e inbhe Easbaig na Roimhe am measg nan easbaigean eile ach "a' chiad am measg co-ionnanaich". Tha seo a' leantainn bho thradisean na h-Eaglaise gun robh Peadar, Abostol a dh'òrdanaich Ìosa Crìosd a fhèin a bhi cìobaire do na caoraich (.i. treòraich an luchd-leanmhainn as dèidh a cheusadh), na chiad Easbaig de Roimhe. Mar sin tha dleastanas Pheadair a' tuiteam air am fear a tha na h-ionad.
'S e an ceannard creideimh as cudromaiche san t-saoghail a tha anns a' Phàpa – tha an t-àireamh de Chaitligeach nas motha na [[Islam]].