An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Somhairle MacGill-Eain"

Chaidh 1,018 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
Content deleted Content added
bNo edit summary
Loidhne 12:
Fhad 's a bha e anns an oilthigh choinnich e ri feadhainn dhan tug e àite mòr a thaobh litreachais. Nam measg sin bha [[Seumas Caird]] agus Seòras Elder Davie agus bha càirdeas dlùth eadar an triùir aca. An uair a bha e na oileanach gus dreuchd na teagasg a thoirt a-mach choinnich e ri [[Ùisdean MacDhiarmaid]]. Bha tarraing mhòr eadar an dithis agus lean sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid ann an 1978. Tha gu leòr den bheachd gun do ràinig Somhairle MacGill-Eain inbhe a cheart cho urramach mar bhàrd ri MacDhiarmaid agus ri [[Edwin Muir]].
 
Thòisich Somhairle a' teagaisg anns an àrd-sgoil ann am [[Port Rìgh]] ann an 1934 agus ghluais e do [[Tobar Mhoire|Thobar Mhoire]] ann an 1938. Tha e fhèin a' dèanamh aithnichte gun robh buaidh mhòr aig àilleachd, trioblaidean agus eachdraidh Mhuile air. Is ann dhan àm sin a bhuineas a' bhàrdachd dhrùidhteach "[[Ban-Ghaidheal|http://www.sorleymaclean.org/bardachd/b/ban_ghaidheal.htm Ban-Ghàidheal]]".
 
Ann an 1939 chaidh e a [[Dùn Èideann|Dhùn Éideann]]. Choinnich e an sin a-rithist ri [[Raibeart Garioch]] air an robh e eòlach mar bhàrd bho bha iad san oilthigh. Nochd leabhran de bhàrdachd an dithis, ''Seventeen Songs for Sixpence'', ann an 1940.
 
== Dàin do Eimhir ==
As t-fhoghar a' bhliadhna sin chaidh a thogail dhan arm agus chaidh e a thrèanadh ann an [[Sasainn]]. Deireadh 1941 chaidh a chur dhan [[An Eiphit|Èiphit]]. Shruth bàrdachd gu math làidir bho na chunnaic agus na dh'fhairich e ann an sin, mar "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/g/glac_a_bhais.htm Glac a' Bhàis]". Bha e air a dhroch leòn aig Blàr El Alamein deireadh 1942 agus thug e gu foghar 1943 a' falbh ospadail. Deireadh na bliadhna sin nochd [[Dàin do Eimhir|''Dàin do Eimhir'']]'' agus Dàin Eile''. Tha mòran dhan bhàrdachd seo a' goil le gaol agus fèin-sgrùdadh. B' e sin a' chiad chruinneachadh dhan bhàrdachd aige fhèin na h-aonar.
 
An uair a bha e deiseil san arm thill e gu teagaisg ann an Dùn Éideann agus bha e an sin gu 1956. As an sin chaidh e gu bhith na mhaighstir-sgoile anns [[Am Ploc|a' Phloc]] agus sin far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.
Loidhne 27:
Tha e soilleir gu leòr gun robh buaidh mhòr aig cuid de bhàird, agus de bhàrdachd, na Beurla air sgrìobhaidhean Shomhairle. Tha e inntinneach beachdachadh air cò aige a bha buaidh air a smuaineachadh agus air an stoidhle aige aig diofar amannan.
 
'S e cuspair da-rìribh inntinneach a th' ann cuideachd dè a' bhuaidh a bha aig an eaglais air a shealladh air an t-saoghal agus air beatha. Tha facail agus ìomhaighean a bhuineas do chreideamh a' nochdadh tric na obair agus chithear e gan cleachdadh gus teachdaireachd làidir a thoirt mu ar coinneamh. Mar eisimpleir, anns a' bhàrdachd "[[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/c/calbharaigh.htm Calbharaigh]]" is ann air bochdainn a' bhaile mhòir a tha e a' bualadh. Ann an "Ùrnaigh" tha e ga rùsgadh fhèin agus ag ràdh gur e "cridhe sgàinte" a tha aige-san.
 
Tha àite mòr aig a' ghaol agus aig poileataics anns a' bhàrdachd aig Somhairle. Anns a' bhàrdachd gaoil aige chì sinn an dà chuid blàths agus teas. Uair agus uair chì sinn an dà chuspair air an snìomh an lùib a chèile agus iad ga bhuaireadh gu rann, mar anns a' chriomag bàrdachd air an tug e an tiotal "Am Buaireadh".
Loidhne 33:
[[Faidhle:UaighShomhairle.JPG|thumb|right|Uaigh Shomhairle]]
 
Phòs e [[Renee Chamshron]] ann an 1946. Tha an toileachas agus an fhois-inntinn a thug seo dha a' tighinn am bàrr ann an "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/s/solais.htm Solais]" agus "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/n/nighean_is_seann_orain.htm Nighean is Seann Òrain]". Ann an "Gaoir na h-Eòrpa" tha raon eile a bha ga ghluasad gu mòr a' tighinn gu uachdar - 's e sin an strì a bha a' dol air adhart anns [[an Spàinn]] timcheall air 1936-37. Tha e aithnichte gur ann gu poileataics na làimhe clì a bha e air aomadh. Bho phìosan mar "Gealach Ùr" tha e ri fhaicinn gun robh co-fhaireachdainn aige dhan fheallsanachd aig [[Karl Marx|Marx]], ach gheibhear blas na nàiseantachd air an obair aige cuideachd.
 
Tha raointean farsaing a' fosgladh romhainn anns an t-saothair aig Somhairle MacGill-Eain agus tha sinn mothachail air bàrd Gàidhlig a' sìneadh a-mach agus a' cleachdadh a mhac-meanmna gus cruthan ùra a dhealbh agus a thoirt am follais.
Loidhne 48:
* ''Dàin do Eimhir agus Dàin Eile''. Glasgow: William MacLellan, 1943.
*''Modern Scottish Gaelic Poetry. ''Obar Dheathain: Celtic Department of the University of Aberdeen, 1953.
*''Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig / Modern Scottish Gaelic Poems: A Bilingual Anthology. ''Deas. le [[Dòmhnall MacAmhlaigh|Dòmhnall MacAmhlaigh.]] New Directions, New York 1977. Td 70-115: "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/a/am_mur_gorm.htm Am Mùr Gorm]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/c/camhanaich.htm Camhanaich]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/a/an_uair_a_labhras_mi.htm An Uair a Labhras mi mu Aodann]", "Cha do Chuir de Bhuaireadh riamh", "Gaoir na h-Eòrpa", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/a/an_roghainn.htm An Roghainn]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/c/coin_is_madaidhean_allaidh.htm Coin is Madaidhean-Allaidh]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/a/a_chorra_ghridheach.htm A' Chorra-GhritheachGhridheach]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/h/hallaig.htm Hallaig]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/c/coilltean_ratharsair.htm Coilltean Ratharsair]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/b/ban_ghaidheal.htm Ban-Ghàidheal]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/g/glac_a_bhais.htm Glac a' Bhàis]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/l/latha_foghair.htm Latha Foghair]", "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/a/aig_uaigh_yeats.htm Aig Uaigh Yeats]".
*''[[O Choille gu Bearradh]]. ''Manchester: Carcanet, 1989.
*''[[Reothairt is Conntràigh|Reothairt is Conntraigh]]. ''Edinburgh: Canongate, 1977.
243

deasachadh