An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Somhairle MacGill-Eain"

Chaidh 45 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 1:
[[Image:Somhairlemacgilleain2.png|right|300px|thumb|Somhairle MacGill-Eain]]
 
'S e prìomh bhàrd [[Gàidhlig]] an fhicheadamh linn a bh' ann an '''Somhairle MacGill-Eain'''. Dh' atharraich e saoghal [[bàrdachd]] na [[Gàidhlig]] gu tur nuair a dh'fhoillsich e '[[Dàin do Eimhir|''Dàin do Eimhir'']]' ann an 19411943. Tha an sreath bàrdachd seo a' suathadh air gaol, briseadh-cridhe, [[An Cuilthionn]], cogadhCogadh nam bràthair Spàinnteach, [[Ùisdean MacDhiarmaid]], [[communachas]] is [[nàiseantachas]], uaireannan anns an aon dàn.
 
== Sgeulachd Beatha ==
Loidhne 14:
Thòisich Somhairle a' teagaisg anns an àrd-sgoil ann am [[Port Rìgh]] ann an 1934 agus ghluais e do [[Tobar Mhoire|Thobar Mhoire]] ann an 1938. Tha e fhèin a' dèanamh aithnichte gun robh buaidh mhòr aig àilleachd, trioblaidean agus eachdraidh Mhuile air. Is ann dhan àm sin a bhuineas a' bhàrdachd dhrùidhteach "[[Ban-Ghaidheal]]".
 
Ann an 1939 chaidh e a [[Dùn Èideann|Dhùn Éideann]]. Choinnich e an sin a-rithist ri [[Raibeart Garioch]] air an robh e eòlach mar bhàrd bho bha iad san oilthigh. Nochd leabhran de bhàrdachd an dithis, "''Seventeen Songs for Sixpence"'', ann an 1940.
 
== Dàin do Eimhir ==
As t-fhoghar a' bhliadhna sin chaidh a thogail dhan arm agus chaidh e a thrèanadh ann an [[Sasainn]]. Deireadh 1941 chaidh a chur dhan [[An Eiphit|Èiphit]]. Shruth bàrdachd gu math làidir bho na chunnaic agus na dh'fhairich e ann an sin, mar "Glac a' Bhàis". Bha e air a dhroch leòn aig Blàr El Alamein deireadh 1942 agus thug e gu foghar 1943 a' falbh ospadail. Deireadh na bliadhna sin nochd "[[Dàin do Eimhir|''Dàin do Eimhir'']]'' agus Dàin Eile"''. Tha mòran dhan bhàrdachd seo a' goil le gaol agus fèin-sgrùdadh. B' e sin a' chiad chruinneachadh dhan bhàrdachd aige fhèin na h-aonar.
 
An uair a bha e deiseil san arm thill e gu teagaisg ann an Dùn Éideann agus bha e an sin gu 1956. As an sin chaidh e gu bhith na mhaighstir-sgoile anns a' Phloc agus sin far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.
Loidhne 23:
Bhon àm sin bha e na sgrìobhaiche aig [[Oilthigh Dhùn Éideann]] agus aig [[Sabhal Mòr Ostaig]].
 
Ann an 1977 nochd a' bhàrdachd aige fon tiotalthiotal'' [[Reothairt is Conntraigh]]'' agus ann an 1989 chaidh cruinneachadh tapaidh den obair aige fhoillseachadh, [[O Choille gu Bearradh|''O Choille gu Bearradh'']]. Tha an cruinneachadh seo air a roinn na sheachd earrannan a rèir nam bliadhnachan dham buin a' bhàrdachd.
 
Tha e soilleir gu leòr gun robh buaidh mhòr aig cuid de bhàird, agus de bhàrdachd, na Beurla air sgrìobhaidhean Shomhairle. Tha e inntinneach beachdachadh air cò aige a bha buaidh air a smuaineachadh agus air an stoidhle aige aig diofar amannan.
Loidhne 33:
[[Faidhle:UaighShomhairle.JPG|thumb|right|Uaigh Shomhairle]]
 
Phòs e [[Renee Chamshron]] ann an 1946. Tha an toileachas agus an fhois-inntinn a thug seo dha a' tighinn am bàrr ann an "Solais" agus "Nighean is Seann OrainÒrain". Ann an "Gaoir na h-Eòrpa" tha raon eile a bha ga ghluasad gu mòr a' tighinn gu uachdar - 's e sin an strì a bha a' dol air adhart anns [[an Spàinn]] timcheall air 1936-37. Tha e aithnichte gur ann gu poileataics na làimhe clì a bha e air aomadh. Bho phìosan mar "Gealach UrÙr" tha e ri fhaicinn gun robh co-fhaireachdainn aige dhan fheallsanachd aig [[Karl Marx|Marx]], ach gheibhear blas na nàiseantachd air an obair aige cuideachd.
 
Tha raointean farsaing a' fosgladh romhainn anns an t-saothair aig Somhairle MacGill-Eain agus tha sinn mothachail air bàrd Gàidhlig a' sìneadh a-mach agus a' cleachdadh a mhac-meanmna gus cruthan ùra a dhealbh agus a thoirt am follais.
243

deasachadh