An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Dàrna Cogadh"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 13:
===An Cùmhnant Munich===
29mh an t-Sultain, 1938, chuir [[Neville Chamberlain]] (A' Bhreatann Mhòr), Édouard Daladier ([[An Fhraing]]), [[Adolf Hitler]] [[A' Ghearmailt|(A' Ghearmailt]]) is [[Benito Mussolini]] ([[An Eadailt]]) An Cùmhnant Munich (Seicis: Mnichovská dohoda; Beurla: Munich Agreement) air bhonn. A rèir An Cùmhnant Munich, dh'fhuair Adolf Hitler sgìrean faisg air na crìochan far a bheil sluagh Ghearmailtrach a' fuireach, Sudetenland, bhon t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia).
 
[[Faidhle:Ebensee concentration camp prisoners 1945.jpg|thumb|right|Na prìosanaich tinne leis an acras ann am camp-braighdeanais Ebensee]]
 
===[[Uile-losgadh]]===
Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is murt den [[Iùdhachd|Iùdhaich]] Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh [[Adolf Hitler]] air a' chuspair sin san leabhar leis - ''Mo Chath Fhein'' (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san [[Chiad Cogadh t-Saoghal|Chiad Cogadh]]. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.
 
Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na [[Roinn-Eòrpa]], mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia), isMauthausen anns An Ostair agus Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Mauthausen, Ravensbrück, is Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.
 
==An Dàrna Cogadh ann an litreachas==