An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Dàrna Cogadh"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 170 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q362 (translate me)
Litreachas mu An Dàrna Cogadh, campaichean-braighdeanais
Loidhne 9:
|-
|}
'S e cogadh mòr a bha anns '''An Dàrna Cogadh''', eadar 1939 agus 1945 eadar dùthchannan a' Chaidreachais is [[a' Ghearmailt]], [[An Eadailt]] agus [[Iapan]]. 'S e an cogadh a bu sgriosaile a thachair ann an eachdraidh an t-saoghail. Chaill còrr is 60,000,000 am beatha 's cha robh ceàrn an t-saoghail nach do dh'fhairich a bhuaidh. Bha feachdan an [[Faisisteachas|Fhaisisteachais]], an [[Deamocrasaidh]] agus an [[Co-mhaoineas]] a' sabaid ri chèile sa [[Cogadh|chogadh]].
 
===An Cùmhnant Munich===
29mh an t-Sultain, 1938, chuir [[Neville Chamberlain]] (A' Bhreatann Mhòr), Édouard Daladier ([[An Fhraing]]), [[Adolf Hitler]] [[A' Ghearmailt|(A' Ghearmailt]]) is [[Benito Mussolini]] ([[An Eadailt]]) An Cùmhnant Munich (Seicis: Mnichovská dohoda; Beurla: Munich Agreement) air bhonn. A rèir An Cùmhnant Munich, dh'fhuair Adolf Hitler sgìrean faisg air na crìochan far a bheil sluagh Ghearmailtrach a' fuireach, Sudetenland, bhon t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia).
 
===[[Uile-losgadh]]===
Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is murt den [[Iùdhachd|Iùdhaich]] Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh [[Adolf Hitler]] air a' chuspair sin san leabhar leis - ''Mo Chath Fhein'' (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san [[Chiad Cogadh t-Saoghal|Chiad Cogadh]]. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.
 
Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na [[Roinn-Eòrpa]], mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia) is Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Mauthausen, Ravensbrück, Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.
 
==An Dàrna Cogadh ann an litreachas==
 
===Litreachas Gàidhlig===
 
====Rosg Gàidhlig====
* [[Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill]].'' Fo Sgàil a' Swastika''. [[Steòrnabhagh]]: [[Acair Earranta]], 2000. Eachdraidh-beatha an saighdeir.
* [[Anndra A. Dunn]]. ''Còisir nan Gunna''. [[Steòrnabhagh]]: [[Acair Earranta]], 2013. An nobhail.
 
====Bàrdachd Ghàidhlig====
* [[Somhairle MacGill-Eain]]. "Latha Foghair"; "Glac a' Bhàis"; "Gluaisibh gu Deas"; "Curaidhean"; "Alasdair MacLeòid"; "Dol an Iar"
 
===Litreachas Aimeireaganach===
* [[William Styron]].'' Sophie's Choice''.
* [[Joseph Heller]]. ''Catch 22''.
* [[Anthony Hecht]]. "Rites and Cereminies", [http://www.poetryfoundation.org/poem/179058 "More Light! More Light!"]
 
===Litreachas Pòlainneach===
* [[Jerzy Kosiński]]. ''The Painted Bird''.
* [[Władysław Szpilman]]. ''The Pianist''.
 
==Ceanglaichean a-mach==
* [http://gaidhlig.educationscotland.gov.uk/scotlandshistory/20thand21stcenturies/worldwarII/index.asp Education Scotland: Eachdraidh na h-Alba: An Dara Cogadh]
* [http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/radio/strigusith/ BBC Alba: Strì gu Sìth 1939 - 1945: làrach-lin Ghàidhlig mu An Dàrna Cogadh]
* [http://www.sorleymaclean.org/bardachd2/blar.htm Bàrdachd mu An Dàrna Cogadh le Somhairle MacGill-Eain air loidhne]
==Faic cuideachd==
*[[Carme Ballester i Llasat]]