An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Àireamh"

Content deleted Content added
b Bot: Migrating 131 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q11563 (translate me)
b WPCleaner v1.30 - Template with Unicode control characters - Title with special letters and no DEFAULTSORT (Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia)
Loidhne 81:
Canar na '''[[fìor-àireamhan]]''' ri [[àlach]] nan àireamhan uile seo – ris an [[àlach]] a tha a’ toirt a-steach na h-àireamhan coimeasta agus na h-àireamhan eucoimeasta. ’S e '''R''' (Beurla: ''Real'') a th’ ann mar chomharra air an [[àlach]] seo.
’S urrainn do na fìor-àireamhan a bhith air an riochdachadh mar loidhne (’s e '''loidhne àireamh''' a chanar rithe). Air an loidhne seo, tha neoni sa mheadhan, na h-àireamhan dearbh gu deas agus na h-àireamhan àicheil gu clì. Tha an loidhne a’ ruith gu eicrioch air gach taobh. ’S urrainn do gach fìor-àireamh a bhith air an riochdachadh mar phuing air an loidhne seo.
[[Faidhle:loidhne aireamh.png‎png]]
 
 
Loidhne 99:
::0'''''i''''' = 0 × '''''i''''' = 0
’S e an aon rud “neoni ìomhaigheach” agus “fìor-neoni”. ’S ann a leanas gu bheil loidhne nan àireamhan ìomhaigheach a’ trasnadh loidhne nam fìor-àireamhan aig neoni. Thèid a riochdachadh mar dhiagram mar tha seo. Canar [[Argand-diagram]] ri diagram den t-seòrsa seo.
[[Faidhle:Argand-diagram.png‎png]]
 
’S e fìor-àireamh gach puing air an loidhne '''R'''. Chan eil pàirt ìomhaigheach aig fìor-àireamh – tha an loidhne '''R''' tro 0'''''i'''''. Anns an aon dòigh, chan eil pàirt fìor aig àireimh ìomhaighich (puing air loidhne '''I'''). Ach tha e soilleir gu bheil puingean air an diagram, mar eisimpleir ''P'' aig a bheil pàirtean fìor agus ìomhaigheach. Sgrìobhar:
Loidhne 111:
’S ann ''dùinte'' a tha obrachadh [[àireamhachd]] far a bheil buil an obrachaidh den aon àlach. Mar eisimpleir tha cur-ris dùinte leis na h-àireamhan nàdarra oir ’s e àireamh nàdarra a tha ann an ''c'' far a bheil ''c'' = ''a'' + ''b'' ge b’ e air bith dè luach a tha air ''a'' agus ''b'' ach gum biodh iad nan àireamhan nàdarra. Ach chan eil toirt air falbh dùinte. ’S e àireamhan nàdarra a tha anns 5 agus 7 ach chan e àireamh nàdarra a tha anns an 5 − 7 ( = −2 ). Chan eil ach cur-ris agus iomadachadh dùinte leis na h-àireamhan nàdarra. Tha toirt air falbh dùinte cuideachd leis na slàn-àireamhan, agus roinneadh leis na h-àireamhan coimeasta agus na fìor-àireamhan. Ach tha na h-obrachaidhean [[àireamhachd]] uile dùinte (togail gu cumhachd nam measg) leis na h-àireamhan co-fhillte.
 
{{DEFAULTSORT:Aireamh}}
[[Roinn-seòrsa:Àireamhachd]]