An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Somhairle MacGill-Eain"

Chaidh 44 baidht a chur ris ,  6 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b
 
Tha àite mòr aig a' ghaol agus aig poileataics anns a' bhàrdachd aig Somhairle. Anns a' bhàrdachd gaoil aige chì sinn an dà chuid blàths agus teas. Uair agus uair chì sinn an dà chuspair air an snìomh an lùib a chèile agus iad ga bhuaireadh gu rann, mar anns a' chriomag bàrdachd air an tug e an tiotal "Am Buaireadh".
 
[[Image:UaighShomhairle.jpg|thumb|right|]]
 
Phòs e [[Renee Chamshron]] ann an 1946. Tha an toileachas agus an fhois-inntinn a thug seo dha a' tighinn am bàrr ann an "Solais" agus "Nighean is Seann Orain". Ann an "Gaoir na h-Eòrpa" tha raon eile a bha ga ghluasad gu mòr a' tighinn gu uachdar - 's e sin an strì a bha a' dol air adhart anns [[an Spàinn]] timcheall air 1936-37. Tha e aithnichte gur ann gu poileataics na làimhe clì a bha e air aomadh. Bho phìosan mar "Gealach Ur" tha e ri fhaicinn gun robh co-fhaireachdainn aige dhan fheallsanachd aig [[Karl Marx|Marx]], ach gheibhear blas na nàiseantachd air an obair aige cuideachd.
243

deasachadh