An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dordrecht"

Content deleted Content added
b world-gazetteer.com is dead
Loidhne 17:
}}
 
‘S e [[baile]] mòr agus [[port]] cudromach air an àirde an ear-dheas [[Na Tìrean Ìsle|nan Tìrean Ìsle]] a th’ ann an '''Dordrecht''' ([[IPA]]: '''ˈdɔr.drɛχt''', [[Beurla]]: Dort, Frysk: Doardt, [[Laideann]]: Dordracum). Tha an t-ainm a’ ciallachadh tarraing acair na h-Aibhne Thure, bhon fhacal draeg (tarraing acair) ann an [[Duitsis]]. Tha e suidhichte air [[eilean]] air iomall [[Rotterdam]], aig 3m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/netherlands/2756669/dordrecht Mongabay]</ref> aig inbhir [[Abhainn|na h-aibhnichean]] Oude Maas, Beneden, Merwede, Nieuwe Merwede, Hollands Diep agus Dordtsche Kil, anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Chaidh Dordrecht a chlàradh airson a' chiad turas ann an [[846]] agus noch an t-ainm Thuredrech mu [[1120]]. Fhuair Dordecht a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an [[1220]]. Dh'fhàs Dordrecht gu math beairteach fad an [[12mh Linn]] agus an [[13mh Linn]] tron mhalairt. Chaidh an sgìre a sgiùireadh le droch tuiltean ann an [[1427]], a chruthaich an t-eilean far a bheil am baile an latha an-diugh. 'S e am baile as sine na dùthcha a th'ann agus tha e dìreach 38km air falbh bho [[Den Haag|Dhen Haag]] ([[Prìomh-bhaile]] na dùthcha), 64km bho [[Amsterdam]], 44km bho [[Utrecht]] agus 202km bho [[Groningen|Ghroningen]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com Distance Calculator]</ref> Tha 118,528 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e 24mh baile as motha na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[{{cite web|url=http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500&geo=-160 |title=Bailtean na Cruinne]|archiveurl=http://archive.is/H3gLW|archivedate=2013-06-21}}</ref>
 
== Daoine ainmeil ==