An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Innis nan Damh"

Content deleted Content added
Loidhne 4:
== Eachdraidh ==
[[Faidhle:Scotland Inchnadamph Bone Caves.jpg|thumb|Uamhan nan Cnàmhan]]
Faisg air Innis nan Damh tha Uamhan nan Cnàmhan ann (''Bone Caves'' sa Bheurla). Chaidh cnàmhan [[mathan|mathain]], [[sionnach|sionnaich]], [[Madadh-allaidh|madaidhean-allaidh]] is fiadh-Lochlannach a lorg. Lorgadh cnàmhan mathan-bàn cuideachd, na h-aon cnàmhan mathain-bhàn a chaidh a lorg ann an Alba gu ruige seo. <ref>McKenzie, Steven (2007) [http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/highlands_and_islands/7279462.stm New tests on rare polar bear find"] (Beurla)</ref> Thathar den bheachd gu bheil iad mu 11.000 bliadhna a dh'aois no fiù 's nas sine na sin. Bho 2008 a-mach tha iad aig taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson barrachd rannsachaidh. Lorgadh cnàmhan daonna cuideachd a tha cho sean ri trì mìle bliadhna [[RC]].
 
Tha tobhtaichean Caisteal na Aird Bhrice suidhichte faisg air a' bhaile air bruach Loch Asaint. Chaidh an caisteal a mhilleadh le stoirm làidir ann an 1795.
Tha seann eaglais na paraiste Asaint an seo, a chaidh a thogail ann an 1743. Ach ann an 1814 bha an togalach ann an droch staing, gun suidheachanan ach le uisge a bha a‘ tighinn tron mhullach. Bha seilbheadair oighreachd Chataibh ag iarraidh eaglais ùr a thogail ann an Loch an Inbhir, agus mar sin dhiùlt e a càradh airson greis. Mu dheireadh thall rinn iad obair bhunaiteach, ach gun a bhith a' leigeil a-mach air an eaglais airson a bhith mòr gu leòr do dh'àireamh-shluaigh na h- Asainte. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh gu tur ann an 1900 leis an ailtire William Joass à [[Inbhir Pheofharain]]. Bhon uair sin bha an eaglais na pàirt cudromach ann am beatha na coimhearsnach, gus an deach i a dhùnadh anns na 1970an. Dh’fhosgail i a-rithist ann 2003 an dèidh ath-nuadhachaidh mar togalach airson na coimhearsnachd. Tha cruinneachadh den eachdraidh ionadail is tasglann sloinntearachd ann an-diugh.<ref>[http://www.discoverassynt.co.uk/viewdetails.php?id=48&rf=cat_137 Discover Assynt: Inchnadamph Old Parish Church] (Beurla)</ref> Faisg air an eaglais lorgadh pìosan de sheann chrois Cheilteach bhon àm eadar an 8mh is 11ad linn.
Tha seann eaglais na paraiste Asaint an seo, far an do lorgadh pìosan de sheann chrois Cheilteach a chaidh a thogail eadar 8mh is 11ad linn.
 
Bha taigh-seinne ann bho 1736 a-mach, a chaidh ath-thogail timcheall air 1774, agus 's e sin an ''Inchnadamph Hotel'' an-diugh. A-measg dhaoine ainmeil eile bha [[Ben Peach]] agus [[John Horne]] a' fuireach an seo, nuair a rinn iad an obair cliùiteach air geòlas na Gàidhealtachd. <ref>[http://www.scottish-places.info/scotgaz/towns/townfirst2042.html Gazetteer for Scotland] (Beurla)</ref>